23 Òg Mhios 2009
EÒRPA – 10 BLIADHNA DE DH’FHÈIN-RIAGHLADH AN ALBA
Diciadain 1mh Iuchar aig 9f air BBC ALBA
Deich bliadhna as dèidh Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh, tha Eòrpa a’ coimhead air dè a’ bhuaidh a tha air a bhith aig fèin-riaghladh air sluagh na h-Alba; na poileasaidhean Albannach agus cuideachd a’ beachdachadh air an t-slighe air adhart airson fèin-riaghladh.
Thèid am prògram a sgaoileadh air BBC ALBA air an 1mh Iuchar agus cluinnear bho iomadh duine air feadh Alba agus na faireachdainnean aca mu dheidhinn nan atharraichean poileataigeach.
Thèid Eòrpa a thadhal a-rithist air muinntir Bharraigh a rinn agallamhan 10 bliadhna air ais mus robh a’ chiad taghadh ann airson Pàrlamaid na h-Alba. Aig an àm bha iad dòchasach gun toireadh Pàrlamaid ann an Dùn Èideann piseach air beatha daoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean iomallach an Alba. An do thachair sin?
Anns a’ phrògram chìthear am Prìomh Mhinistear Alex Salmond, seann Phrìomh Ministear Seac McConnell, Seumas Wallace (Morair Wallace a Tankerness), Daibhidh McLetchie BPA agus Dennis Canavan a bha aig aon àm na Bhall-Phrlamaid Albannach.
A’ toirt seachad beachd air ‘Devolution Max’, thuirt am Prìomh Mhinistear Alex Salmond, “Shaoileadh tu gur e deoch air choireigin a bh’ ann an rudeigin le ainm mar sin ... ach cha freagair e ceist neo-eisimeileachd, oir chan eil càil a ghabhas àite neo-eisimeileachd. Mar a chanas iad mu dheidhinn deoch ainmeil eile, is e neo-eisimeileachd ‘an dearbh rud’.”
Thuirt David McLetchie BPA, “Cha chanainn-sa gu bheil aon siostam nas deamocrataich na siostam eile agus chan eil mi a’ faicinn càil a tha math ann an co-aonta a tha meadhanach, agus mar sin chan eil mi airson ’s gum biodh co-aonta ann air sgàth co-aonta fhèin. Ma thèid thu gu crìoch na h-argamaid sin, tha poileataics co-aontachail a’ ciallachadh nach bi poileataics idir ann; mur eil diofar eadar na pàrtaidhean, carson a bhòtadh tu airson aon phàrtaidh seach partaidh eile?”
Tha iris Eòrpa sònraichte seo a’ coimhead air ciamar a tha Riaghaltas na h-Alba agus na poileasaidhean aca air beatha dhaoine ann an Alba atharrachadh thairis air na deich bliadhna.
Am measg cuid de na poileasaidhean tha casg air smocadh ann an àitichean poblach, cùram an asgaidh son seann daoine, laghan co-cheangailte ri còraichean dhaoine a tha ri fearas-feise, cìsean nan oileanaich, Gàidhlig agus ath-leasachadh an fhearainn.
Bidh Eòrpa a’ cur am prosbaig air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig am Pàrlamaid air na cuspairean agus air na daoine.
Thèid Eòrpa Fèin-riaghladh fhaicinn air BBC ALBA air Diciadain 1mh Iuchar aig 21.00. Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus Freesat sianal 110