EÒRPA A’ SGRÙDADH TINNEAS AN T-SIÙCAIR AN ALBA
Diciadain 5 Dàmhair, 8.30f air BBC ALBA
Anns an ath phrògram den sreath ùr Eòrpa, tha Ruairidh Rothach gu bhith ag aithris air suidheachadh tinneas an t-siùcair ann an Alba.
Tha àireamhan na tha fulang le tinneas an t-siùcair ann an Alba a’ sìor èirigh a rèir aithisg bho Diabetes UK. Tha barrachd òigridh ann le Seòrsa 1 agus Seòrsa 2 den galar. Cuideachd tha an fheadhainn aig nach eil fios gu bheil tinneas an t-siùcair orra ann an cunnart slàinte san fhad-ùine. Anns na h-Eileanan an Iar tha an àireamh den t-sluagh a tha a’ fulang le Seòrsa 2 a dhà uimhir nas àirde na an àireamh a tha a’ fulang leis gu nàiseanta.
Thuirt Jane-Claire Judson, Stiùiriche Nàiseanta Diabetes UK Alba: “Is dòcha gu bheil cuid a’ dol fad deich bliadhna le Seòrsa 2 gun fhios aca gu bheil e orra. Thar na h-ùine sin dh’fhaodadh gun tèid an tinneas nas miosa agus gum bi iad a’ fulang le galar nan casan, call fradharc agus tinneas dhubhagan.”
Cuideachd anns an ath phrògram tha Darren Laing a’ cur a’ phrosbaig air Croatia is iad an dòchas ballrachd fhaighinn anns an Aonadh Eòrpach agus bidh Iain MacAonghais ag aithris air leasachadh connspaideach air caladh ann an Innis Tìle.
Air a riochdachadh le BBC Gàidhlig, chithear Eòrpa gach seachdain air BBC ALBA agus bidh an ath phrògram air fhaicinn air Diciadain 5mh Dàmhair aig 8.30f agus gach Diciadain às dèidh sin.