EÒRPA A’ BHBC A’ SGRÙDADH ATHARRACHAIDHEAN EADAR SUIDHEACHAIDHEAN EACONAMACH CHEANN A TUATH IS DEAS NA H-EADAILT
Diciadain 21 Sultain, 8.30f air BBC ALBA
Sa chiad phrògram den t-sreath ùr de Eòrpa a’ BhBC ALBA, tha Iain MacAonghais a’ sgrùdadh nan atharrachaidhean eadar suidheachaidhean eaconamach cheann a tuath is deas na h-Eadailt agus mar a tha eadar-dhealachaidhean mar sin ann an dùthchannan cheann a tuath agus deas an EU.
A bheil rudan ann a dh’ionnsaicheas sinn bhon dòigh sa bheil an Eadailt a’ dèiligeadh ris na h-atharrachaidhean eaconamach is chultarail a tha eadar nan ceàrnaidhean sin no a bheil na h-atharrachaidhean nan duilgheadasan cho mòr do shoirbheas eaconamach is gu bheil iad a’ cur na h-Eadailt agus an Eurosone air fad ann an cunnart?
Tha Eòrpa a’ cluinntinn beachdan cuid de dhaoine a tha a’ fuireach san Eadailt air an eadar-dhealachadh a tha san t-suidheachadh eaconamach eadar an dà cheàrnaidh.
Thuirt Massimiliano Bacillieri, fear-lagha à Bologna ann an ceann a tuath na h-Eadailt: “Tha e a’ cur dragh orm gu feum sinn taic a thoirt do cheann a deas na h-Eadailt. Smaoinich, tha againn ri taic a thoirt do dhùthaich nach buin dhuinn. Ach a bheil roghainn eile againn? Tha mise airson faighinn a-mach – mur a faigh ceann a deas na h-Eadailt taic – an tèid iad fhèin air an casan agus an tèid iad an ceann an cosnaidh? “
Thuirt Martino Bitetti, a bhuineas do Bari ann an ceann a deas na h-Eadailt, nach eil ag obair an dràsda: ”Tha beagan duilgheadas air a bhith againn. Duilgheadasan eaconamach, ach cuideachd duilgheadasan moralta – oir is e a bhith air do chur a-mach às do dhreuchd agus a bhith dìomhain aig aois shònraichte, aon de na nithean as miosa is urrainn tachairt do dhuine.”
Cuideachd air a’ phrògram tha Darren Laing a’ cleachdadh fiosrachadh bho iarrtas Saorsa an Fiosrachaidh a rinn am BBC gus sgrùdadh na bha an lùib cuid de phròiseactan Iomairt le Maoineachadh Prìobhaideach (PFI) ann an Alba. Chaidh seachd eisimpleirean a lorg far an robh am fearann air a ghabhail air màl suas gu 105 bliadhna nas fhaide na an cunnradh-obrach a bha ann sa chiad dol a-mach.
Thuirt an eaconamaiche Jim Cuthbert, mu na nithean a fhuaras a-mach tro sgrùdadh air toiseach tòiseachaidh PFI: “Chaidh comhairle fhaighinn bho Roinn an Ionmhais gun cuidicheadh gabhaltas fada mar seo leis a’ phròiseas a bhith a’ toirt a’ phròiseict air falbh bho leabhraichean an riaghaltais. Agus san dàrna àite, bhathar a’ faireachdainn gum biodh an seòrsa gabhaltas a bha seo sna clàsan brisidh a bha ceangailte ris na gabhaltasan fada sin, a’ cuideachadh ann a bhith a’ ceangal na h-earrainn phoblaich a-steach dhan dàrna pàirt den phròiseact.”
Air a riochdachadh le BBC Gàidhlig, bidh an sreath Eòrpa air a chraoladh gach seachdain air BBC ALBA a’ tòiseachadh air Diciadain 21 Sultain aig 8.30f agus gach Diciadain an dèidh sin.