FARPAISEAN CHON-CHAORACH AIR BBC ALBA
Bidh Farpaisean Chon-chaorach a’ tilleadh gu BBC ALBA a dh’aithghearr airson an darna sreath de phrògraman ‘Farpaisean Chon-chaorach’.
Bobby Henderson ann an Ceann Loch Chille Chiarain
Anns a chiad prògram chìthear Farpaisean Sgìreil na h-Alba a chaidh air adhart ann an Ceann Loch Chille-Chiarain. Am measg na bhios a’ gabhail pàirt tha Bobby Henderson a Heriot agus Ailig MacCuish a Tiriodh. ‘Se cùrsa cruaidh a bh’ann airson an dà chuid – na coin agus na cìobairean.
Alec McCuish bho Skipness
Cuideachd anns a chiad phrògram bith preseantair Dòmhnall MacSuain a’ faighinn tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn na farpaisich agus na coin agus bith Catriona a’ coinneachadh le Philip Rosskell a Moffat a tha na tuathanach agus a bhios a’ dèanamh cromagan.
Thairis air an t-sreath chìthear farpaisean a chaidh air adhart ann an àiteachean mar Ceann Tire, Atholl agus Weem agus Balquhidder. Nam measg chìthear Farpaisean Nàiseanta Chon-Chaorach na h-Alba tighinn a Dùn Phris.
Tha Catriona agus Dòmhnall cuideachd gu bhith ag ionnsachadh thairis air an dàrna sreath mu dheidhinn sgilean co-cheangailte le bhith ag obair le coin.
Thèid a chiad prògram ann an sreath ùr Farpaisean Chon-chaorach fhaicinn air BBC ALBA air Dimàirt 5mh Faoilleach 9f.