BATAICHEAN AISGEIG FON PHRÒSBAIG AIR BBC ALBA
THAR AN AISEIG
BBC ALBA, Dimàirt 25 Faoilleach, 8.30f
Tha sreath ùr aig BBC ALBA far am bidh a’ phrosbaig dha chuir air na bàtaichean aiseig ann an Alba le “Thar an Aiseig’ a bhios a’ tòiseachadh air Dimàirt 25 Faoilleach aig 8.30f. Chaidh an t-sreath a riochdachadh le MacTV airson BBC ALBA.
Thairis air ochd prògraman, thèid sùil a thoirt air bàtaichean beaga, bàtaichean mòra, companaidhean neo-eisimeileach agus eile a bhios a’ frithealadh nan coimhearsnachdan air costa na h-Alba. Anns an t-sreath, chi luchd-amharc iomadh sealladh agus turas le cuid den fheadhainn a bhios ag obair air na bàtaichean agus a bhios gan cleachdadh airson iomadh adhbhar.

Chaidh ‘Thar an Aiseig’ filmeadh thairis air bliadhna aig àm far an robh na diofair seirbheisean fo sgrùdadh agus tric anns na naidheachdan.
Thèid ‘Thar an Aiseig’ fhaicinn air BBC ALBA gach Dimàirt thairis air ochd seachdain aig 8.30f a’ tòiseachadh air 25 Faoilleach