A' COMHARRACHADH NAM BÀRD AIR BBC ALBA MAR PHÀIRT DE BLIADHNA NAN ÒRAN.
Mar pàirt de Bhliadhna nan Òran air BBC ALBA agus BBC Rèidio nan Gàidheal, tha an t-sreath Bàird nan Òran a' tòiseachadh air BBC ALBA air Diciadain 7mh Giblean aig 8.30f.
Thairis air sia prògraman thèid coimhead air obair agus beatha cuid de na bàird as cudromaich ann an saoghal na Gàidhlig agus an dìleab a dh' fhàg iad againn.
Anns a' chiad phrògram 's ann air obair Dhòmhnall Ruaidh Phàislig a bhuineadh do Uidhist a Deas, a bhios iomradh. Chaidh a bhàrdachd aige fhoillseachadh san leabhar 'Sporran Dhòmhnaill'
Am measg na bhios anns na prògraman eile san t-sreath thèid aithris air bàird mar Dòmhnall Ruadh Choruna, Uilleam MacCoinnich agus Coinnich MacLeòid 'Red' as am Rudha ann a Leòdhas.
Tha BBC ALBA agus Rèidio na Gàidheal a' comharrachadh 2010 mar 'Bhliadhna nan Òran' le measgachadh de phrògraman sònraichte thairis air a' bhliadhna air telebhisean agus rèidio agus air an eadar lion. Airson barrachd fiosrachadh tadhail air www.bbcalba.co.uk
Chìthear Bàrd nan Òran air BBC ALBA air Diciadain 7mh Giblean aig 8.30f.