Na Gaidheileamailtich
Diluain 27 Sultain, 9f air BBC ALBA
Tha ionadan ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba a’ faighinn togail bho na h-àireamhan de Ghearmailtich a tha gam frithealadh le ùidh mhòr aig muinntir na dùthcha sin ann an cùisean Albannach.
‘S iad Gearmailtich as mòtha a tha a’ dèanamh cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig agus cuideachd tha tòrr a’ frithealadh fèisean ciùil agus tachartasan mar fèis Ceòlas ann an Uibhist a Deas.
Anns a’ phrògram Na Gàidheileamailtich, bho macTV tha sinn a' siubhal tron Ghearmailt agus Alba airson faighinn a-mach carson a tha na Gearmailtich cho dèidheil air Alba.
A-measg na tha a' gabhail pàirt anns a' phrograim tha an Dr. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart bho Oilthigh Dhùn Èideann a tha air a bhith a’ rannsachadh na ceangailean eadar a’ Ghearmailt agus na Ceiltich a tha a’ sìneadh air ais linntean.

Dr. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart
Anns a' Ghearmailt tha ùidh air a bhith aig Mìcheal Klevenhaus anns a’ Ghàidhlig bhon a bha e òg agus as dèidh oideachadh aig Sabhal Mòr Ostaig, tha e a-nis fileanta. Bidh Mìcheal a’ teagasg mu 70 oileanach gach bliadhna sa Ghearmailt agus tha e air leabhar Gàidhlig gu Gearmailtis fhoillseachadh.Tha na h-oileanaich bho Oilthigh Bhonn a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig a-nis a’ tighinn a dh’ Alba airson tuilleadh eòlais fhaighinn air a’ chultar.
Mìcheal Klevenhaus
Bidh Mìcheal an làthair gach bliadhna aig fèis Ceòlas far a bheil tòrr luchd-turais Gearmailteach a’ tighinn, agus tha seo air cuideachadh le bhith a’ dhèanamh an fhèis cho soirbheachail. Thuirt Mairi NicAonghais bho Ceòlas “Tha na Gearmailtich air a bhith ann bhon toiseach. Tha ùidh aca anns na h-òrain agus tha sin gan tarraing don chànain”
Cluinnear cuideachd bho Andreas Wolf, a rugadh ann am Berlin an Ear ach a tha a-nis a’ fuireach faisg air an t-Òban. Tha Andreas ag obair airson a’ BhBC agus a bharrachd air a bhith an-sàs ann an craoladh, tha e cuideachd ag obair na fhear-teagaisg Ghàidhlig. Tha e ag ràdh, “Tha mi den bheachd gur e Gearmailtich am buidheann de dhaoine as motha a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig air taobh a-muigh Alba fhèin. Saoilidh mi gu bheil e cothromach gu bheil sinn a-nis nar Gaidheileamailtich!"