GORDON KENNEDY A’ NOCHDADH AIR BBC ALBA
GORDON KENNEDY AGUS A DHEALBH
Disathairne 3 Iuchar, 18.30 air BBC ALBA
Tha an cleasaiche ainmeil Albannach, Gordon Kennedy gu bhith a’ nochdadh air BBC ALBA air prògram sònraichte. Tha Gordon air cliù fhaighinn dhe fhèin thairis an tri bliadhna mu dheireadh a’ cluich “Little John” ann an sreath Robin Hood agus chithear e ann am prògram Gordon Kennedy agus A’ Dhealbh air BBC ALBA air Disathairne 3 Iuchar aig 6.30.

Chaidh Gordon Kennedy a’ thogail ann an Lodainn an Ear agus anns a’ phrògram chìthear e ann an còmhradh le Maggie Coineagan agus aig an aon àm neach-ealain òg Sarah Muirhead ag obair air dealbh an cleasaiche.
Chaidh Sarah gu Colaisde an Ealan ann an Dùn Èideann far an do cheumnaich i agus ‘s e seo a’ chiad obair den seòrsa seo.
A bharrachd air còmhraidh le Maggie, bith Gordon Kennedy a’ taghadh cuid de na rudan as cudromaich dha ann am beatha pearsanta aige. Nam measg tha dealbh de bhràthair Euan a’ cluich airson sgioba rugbaidh nàiseanta na h-Alba an aghaidh Sasainn aig Murrayfield buair a’ bhuannaich Alba Grand Slam Rugbaidh. Tha Gordon ag aideachadh gur e seo an rud as prìosail airson an teaghlach agus ged a bhuannaicheas e iomadh duais Tbh neo Duais Nobel cha bhith seo cho math sa rinn Euan.
Tha Gordon cuideachd a’ bruidhinn ri Maggie mu dheidhinn obair mar cleasaiche le trì bliadhna filmeadh ann an Budapest airson “Little John” a’ chluich ann an sreath Robin Hood agus mar a bha e mar neach-lìbhrigidh air prògram A’ Chrannchur Nàiseanta far an robh mu 20 millean ga choimhead.
Thig am prògram gu crìoch le sùil air na rinn Sarah leis an dealbh.
Chaidh Gordon Kennedy agus A’ Dealbh a’ riochdachadh le mneTV airson BBC ALBA. ‘Se Douglas Mackinnon a bha Stìuriche a’ phrògram agus e ainmeil airson “The Flying Scotsman” agus sreath Tbh “Jekyll” agus cuideachd “Dr. Who”.