HEARTS V ST JOHNSTONE
Gheibh luchd-leantainn ball-coise cothrom an geama eadar Hearts agus St Johnstone faicinn mar-beò air BBC ALBA a mhàin aig an deireadh sheachdain.

Thèid an geama bho Tynecastle a chraoladh air BBC ALBA mar-beò aig 5.30f. ‘S e geamaichean nach eil air an craoladh beò bho Sky Sports neo ESPN a gheibhear air BBC ALBA.
A bharrachd air an geam chìthear agallamhan còmhla ri manaidsear Hearts, Jim Jefferies, agus sùil air cùl an dorais aig rum deasachaidh St Johnstone. Thèid am prògraman a’ lìbhrigeadh le Calum MacAmhlaidh agus Anne Mhoireasdan.
Gheibhear BBC ALBA air Sky 168 agus Freesat 110.
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh 'sa Bheurla
Leugh an stòiridh 'sa Bheurla an seo