ANN AN CÒI5
Dimàirt 28 An t-Iuchar aig 6.50 air BBC ALBA
Thèid an t-seachdamh prògram ann an sreath ùr de phrògraman còig-mionaidean, a bhios air an lìbhrigeadh le òigridh eadar 10 is 13 bliadhna a dh’aois, a chraoladh air an 28 den Iuchar aig 6.50. Bidh am prògram a' leantainn nighean òg à Cille Bhrìghde an Ear 's i a' gabhail cuairt mu thimcheall a bhaile.
Heather Renouf aig na bùithtean
Tha an t-sreath air a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach ‘Sealladh’, a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 le na riochdairean Mòrag Stiùbhart agus Chris Young.
Le taic bhon sgioba aig Sealladh, ghabh an òigridh pàirt ann an sgrìobhadh is aithris nam prògraman, agus rinn iad uile agallamh air an son.
Tha ‘Ann an Còi5’ a’ toirt cothrom dhan òigridh innse mu chur-seachad, àite no neach a tha prìseil nam beatha. 'S e Heather Renouf à Ard-sgoil Chalderglen a bhios a' toirt thugainn an ath phrògram san sreath.
Bidh Heather a' gabhail cuairt mu thimcheall Cille Bhrìghde an Ear – a' chiad bhail' ùr ann an Alba – a' coimhead ri mar a tha leasachaidhean ùra a' seasamh an tacsa seallaidhean eachdraidheil. Mar eisimpleir bidh Heather a' cur cuairt air an t-seann eaglais agus air ionad nam bùithtean anns a bheil sia diofar 'mall'. Tha na siostaman rathaid ùr agus an ioma cearcall-rathaid a tha a-nis mar phàirt den sgìre air am far-ainm 'polo-mint city' a thoirt gu buil ach mar a dhearbhas Heather, tha cothroman fhathast ann àite socair, sìtheil a' lorg, mar Pàirc-dualchais James Hamilton.
Anns a' phrògram bidh Heather a' bruidhinn ri Catriona Nic a' Phì, a chaidh a' togail ann an Cille Bhrìghde an Ear. Bidh Catriona a' brosnachadh Heather gu bhith a' cumail suas a cuid Gàidhlig, a h-uile cothrom a ghabhail sa chànan 's a bhith moiteil às a chomas a th' aice.
Tha an t-sreath ùr seo a' toirt cothroman do thàlant òg, air beulaibh agus air cùl a' chamara, an stuth aca fhèin a chruthachadh airson an t-sianal Gàidhlig. Chaidh na sgeulachdan an toirt gu buil le sgioba-riochdachaidh anns an robh dithis òga a bha a’ faighinn trèanadh ann an diofar sgilean riochdachaidh.
Thèid ‘Ann an Còi5’ a’ chraoladh air BBC ALBA air Dimàirt 28 den Iuchar aig 6.50. Tha e ri fhaotainn air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110.