BLIADHNA MHATH ÙR AIR BBC ALBA – BEÒ BHON ÒBAN
Tha BBC ALBA toilichte innse mun phrògram sònraichte Bliadhna Mhath Ùr a bhios a tighinn beò a Talla Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal anns an t-Òban.
Anns a’ phrògram uair a thìde gu leth, chìthear cuid den luchd-ciùil agus seinneadairean as fhèarr an Alba le Karen Nic Mhathain, Dòmhnall Shaw, Dàimh, Anna Latharna Nic Illiosa a measg na bhios a’ gabhail pàirt.
‘S iad Tony Kearney agus Morag Dhòmhnallach a bhios a’ libhrigeadh a’ phrògraim agus nan cuideachd bidh sàr phìobairean Aonghas MacColla agus Stiùbhart Liddell agus luchd-cosnaidh buinn òir na bliadhna-sa, Sineag Nic an t-Saor agus Darren
Mac IllEathainn. A’ bharrachd air na tha sin bi Seasaidh Lexy a’ cèilidh cuideachd!
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA “Tha sinn uile a’ coimhead air adhart gu mòr ri prògram na Bliadhn’ Ùire as an t-Òban. Se prògram le ceangalan làidir don Sgìre Earra-Ghàidheal a bhios ann agus tha sinn an dòchas gun còrd e ris an luchd-èisdeachd agus luchd-coimhead. Aig an t-am sònraichte seo den bhliadhna tha daoine daonnan a’ tional còmhla agus airson a’ chiad uair riamh faodar faicinn agus èisteachd ris a’ phrògram chan ann a mhàin an Alba agus am Breatainn ach air feadh an t-saoghail cuideachd.”
Thuirt Karen Nic Mhathain “Le BBC ALBA a dol bho neart gu neart tha mi fhèin agus Dòmhnall uabhasach toilichte a bhith a’ tilleadh dhachaidh airson an oidhche sònraichte seo”
‘Se Bees Nees Media a bhios a’ riochdachadh Bliadhna Mhath Ùr airson BBC ALBA. Thèid Bliadhna Mhath Ùr a chraoladh Diardaoin 31 Dùbhlachd 2009 aig 11.30f le craoladh beò air Radio nan Gàidheal aig an aon àm. Chìthear Bliadhna Mhath Ùr a rithist air BBC ALBA air 1 Faoilleach 2010 aig 16.20f.
Gheibhear tiocaidean an asgaidh bho Bees Nees Media air 0141 352 6666.
Airson clàr-phrògraman BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal fhaicinn thèid gu www.mgalba.com neo www.bbcalba.co.uk.