Cuir Fàilte air a’ Bhliadhn’ Ur le BBC ALBA!
Tha cuireadh agaibh tighinn cuide ri Iain MacIlleMhìcheil agus Seasaidh Lexy airson fàilte a chuir air 2011 aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire ann an Taigh-òsta Polochar an Uibhist-a-Deas.
Bi an cèilidh ri fhaicinn air BBC ALBA, ri chluinntinn air Rèidio nan Gàidheal agus ge bith càite air an t-shaoghal a tha sibh ma tha coimpiutar agaibh thèid agaibh ri fhaicinn tro làrach lìn www.bbcalba.co.uk.
Bi luchd seinn as na h-eileanan, Cathy Ann Nic a’ Phi, air ais bho a’ dachaigh ur ann an Canada, Cairistìona Primrose à Leòdhas, Pòl MacCaluim à Uibhist a Deas, Linda NicLeòid à Uibhist a Tuath agus Gillebride Mac Ille Mhaoil à Uibhist a Deas. Bi ceòl gu leòr ann cuideachd bhon chòmhlan ur Mànran agus puirt aithghearrach bho Na Deasaich!

Dìreach ron chèilidh, chithear prògram A’ Comharrachadh Bliadhna nan Òran le Morag Dhòmhnallach far an cluinnear an t-òran a tha air a' bhòt poblach a bhuannachadh. Thèid am program seo a-mach air BBC ALBA, BBC Rèidio nan Gàidheal agus bidh e ri fhaighinn air feadh an t-shaoghail tro www.bbcalba.co.uk.
Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha an luchd amharc a' coimhead air adhart gu mòr ri prògraman Oidhche Challainn bho BBC ALBA agus tha sinn an dòchas gun cord na th’againn anns a’ chlàr ribh agus tha sinn uile gu mòr a’ coimhead air adhart ri 2011 a thoirt a-steach à Uibhist.”
Chithear A’ Comharrachadh Bliadhna nan Òran air oidhche Challainn air BBC ALBA aig 10f le Cèilidh na Bliadhn’ Ùire bho 11.30f. Tha an dà phrògram air an riochdachadh le BBC Gàidhlig airson BBC ALBA agus thèid an craoladh cuideachd air BBC Radio nan Gàidheal (103.5-105FM) agus air an làrach-lìn www.bbcalba.co.uk.