AIR AIS

TASGLANN FEARTAN
Jungle Book
Air an Rathad
Turas a' Bhradain
Cupa Dùbhlain na h-Alba
Caileagan an Iasgaich
Turas a' Bhradain
Pìos Cèic
Raibeart Burns
Trusadh - ME
Trusadh - Slighe dhan Fhàsaich
Lìog Eòrpach Nam Ban - an dàrna geama
Trusadh - Camanachd Leòdhais
Lìog Eòrpach Nam Ban
Air an Rathad - sreath ùr
Ceòl Country
Siuthad! Siubhail!
Eòrpa - Tinneas an t-Siùcair
Club TV
Eòrpa - sreath ùr
Ceòl Country
BREAB - sreath 4
A' Tairgse Eilean
Alba 's an Gunna
Buth a' Bhaile
Dannsa
Newspaper Industry
RockNess 2011
The Last Stronghold of the Pure Gospel
Cuairt Dheireannach Scottish Junior Cup
Cuairt Dheireannach Magners League
Club TV - Walter Smith agus Neil Lennon
An Taghadh 2011
Dundee United v Rangers
Cuairt Dheireannach Cupa Dùbhlan ALBA
Munster v Leinster
Eadar Dùil is Dòchas
2 Live Magners League Matches
Eòrpa: Russian Space Industry
Howard Wilson - Cop Turned Killer
Ospreys Rugby v Glasgow Warriors
Trusadh: Community Radio
Glasgow Warriors v Newport Gwent Dragons
Club TV
Sgeulachd Sheila Garvie
Munster V Edinburgh
Eòrpa
Am Politician
Club TV
Archibald Hall – An Uaislean
Thar an Aiseig
Ciobairean Mara
Farpaisean Chon-chaorach
Cèilidh na Bliadhn' Ùire
Donny B
Trusadh - Kenneth McKellar
Magners League - Next Phase
Kelso Country & Western Music Festival
Eist ri do Chridhe
Dundee Utd V Hibernian
Deireadh Sheachdain Magners League
Tìr nan Òran
Hamilton V St Johnstone
Trusadh - Fuil agus Luaidhe
Deireadh Sheachdain Magners League
Air an Rathad
Aonghas Pàdraig Caimbeul
Ross County V Partick Thistle
Eòrpa - Hardangerfjord power line
CLUB TV air tilleadh
Magners League double header
Eòrpa a' tilleadh gu BBC ALBA
Na Gaidheileamailtich
Trusadh – La Air Leth?
Spòrs - Hibernian V Hamilton
Rugby - Ulster V Edinburgh
Magners League double header
Magners League Fixture
Hearts V St Johnstone
Cinn-Connaidh Nan Eilean
Camanachd - Sutherland Cup Final
Fhèis Folk Shealltainn
HebCeltFest an Darna Prògram
Jenni Falconer - Cuide ri Cathy
HebCeltFest 2010
Cuairt Dheireannach Bàillie Mòr
Nicola Benedetti - Cuide ri Cathy
Eòrpa - Arandora Star
An Lámh a Bheir
Professor Sir Ian Wilmut
Gordon Kennedy agus A' Dealbh
Marine Harvest Premier 6's
Julie Fleeting MBE - Cuide ri Cathy
Alba an aghaidh Danmhairg
Trusadh: Autism into Adulthood
Les McKeown - Cuide ri Cathy
Margo MacDonald - Cuide ri Cathy
Trusadh - Tilleadh Dhachaidh
Terry Nutkins - Cuide ri Cathy
Trusadh - Sgrios
Jack McConnell - Cuide ri Cathy
Dolly Parton
Largs Thistle an aghaidh Linlithgow Rose
Liòg Magners
SFL IRN-BRU First Division Play-Off
Turas a' Bhradain
Coin Madadh-Allaidh
An Taghadh 2010
Dundee United V Rangers
Dòmhnallaich na Frainge
Peter Tobin
Gniomhachas Bas
Bàird nan Òran
Blasad
Dain air an Danube
Talamh Tròcair
SPL Matches
Club TV - 23 Màrt 2010
Qundee V Queen of the South
Wild Swimmers
Eòrpa - Bosnia
A Sporting Chance
Club TV - 23 Gearran 2010
Cuibhlichean an Fhortain
Celtic Connections 2010
Club TV
Bliadhna Mhath Ùr
Bothan air a' Phrèiridh
Johnny Cash
Farpaisean Chon-chaorach a' tilleadh
Caileagan an Airm
Trom is Tapaidh
Club TV
Harry Benson - Cuide ri Cathy
Fiona Best - Cuide ri Cathy
Air an Rathad
Christopher Brookmyre - Cuide ri Cathy
Scotland V Georgia
John Rankin - Cuide ri Cathy
Allan Stewart - Cuide ri Cathy
Trusadh - Clans
Balaich nam Putain Buidhe
Rapal TV - Peg and the Bouffants
Charan Gill MBE - Cuide ri Cathy
Billy Boyd - Cuide ri Cathy
Lorraine Kelly - Cuide ri Cathy
Ann an Coig: Katherine
Ann an Coig: Keir
Ann an Coig: Corrin
Ann an Coig: Heather
Trusadh: A' Ghealach
Ann an Coig: Elspeth
Ann an Coig: Millie
Croit
Eòrpa, Pàrlamaid na h-Alba
Cupa Camanachd Comann Cheilteach Glaschu
T in The Park 2009
Marine Harvest Clash of the Camans
Lean gu Dlùth
Fraser Doherty
Na Làithean Mu Dheireadh
Tommy Burns Tribute Match
Alan Rough
Clan MacQuarrie
Breab
Eadar-Chluich
Pirates of Puntland
Cardinal Keith O'Brien
Madame Ecosse
Thomas Telford
Hardeep Singh Kohli
Una MacLean MBE
Sir Jackie Stewart
Aileen McGlynn
Turas a’ Bhradain
Alex Norton
Chick Young
David Coulthard
A-reir na h-Aimsir
Clò Mhòr
Còcaire nan Còcairean
Taigh Neill
Celtic Connections
Dà Chànan, Aon Chridhe
Tadhal Phàdraig
Sgeul Athar
Seachd
Farpaisean Chon-Chaorach
Nollaig bho na h-Eileanan
Oidhche Challainn
Sear gu Siar 4
Sear gu Siar 3
Còcaire nan Còcairean 5
Còcaire nan Còcairean 4
ALBA Challenge Cup Final
Scotland V Russia
FEARTAN PHRÒGRAMAN

Soillse: A’ Tairgse Eilean

Diciadain 20mh Iuchar aig 9.00f air BBC ALBA

Air feadh an t-saoghail, tha ceudan de dh’ eileanan air an ceannachd ‘s air an reic a h-uile bliadhna, bho ‘atolls’ anns A’ Chuan Shèimh gu sgeirean faisg air A’ Bhreatainn Bhig. Às dèidh mòran ùidh ann an Eilean Tharasaigh anns Na Hearadh a chaidh a reic bho chionn ghoirid, tha Soillse air BBC Alba a’ toirt boillsgeadh fiosrachail dhuinn do feadhainn de na cothroman agus na mì-chothroman an lùib a bhith a’ tairgse eilean.

Smaoinich air eilean làn ciùineas, nàdar agus ùine gu leòr airson tlachd a ghabhail às. Smaoinich air do bheatha air eilean nad aonar, air falbh bho uallach agus onghail nam bailtean mòra.

Seo an seòrsa beatha a tha a’ còrdadh ri Tevo air an ‘atoll’ aige a tha suidhichte pìos air falbh bho Bora Bora anns A’ Chuan Shèimh. Fhuair e an t-eilean bho athair agus airson iomadh bliadhna tha e air a bhith taingeil mun cheangal làidir a th’ aige le nàdar agus le na tha timcheall air.

Tevo

Gu mì-fhortanach chan eil e furasta a bhith leat fhèin. “Tha dòigh beatha air an iomall airson a’ mhòr chuid mu dheidhinn miann a bhith nad aonar. Mar sin tha agad ri bhith a’ cumail sùil a-mach air do shon fhèin” mhìnich Tevo. Mar as tric, tha rud sìmplidh mar turas do na bùithtean a’ toirt an àrd an dàrna leth den là agus tha seo ga dhèanamh doirbh dha. Cuideachd tha dìth uisge airson òl air an eilean agus tha an dealan aige a’ tighinn à pannalan grèine, tha seo a’ ciallachadh gu bheil e an urra ris an aimsir. Tha Tevo den bheachd gum bu chòir dha rudeigin ùr a dhèanamh, agus tha e a-nis an dùil an t-eilean a reic.

Fhad ‘s a tha sinn a’ leantainn nan sgeulachdan an cois nan eileanan maiseach a tha rin reic air feadh an t-saoghail, tha an neach-reic taighean Jaques ag innse feallsanachd chudthromach dhuinn agus a’ faighneachd “An e beatha ann an suidheachadh fiadhaich an dòigh-beatha as fheàrr?”

Tevo's Polynesian atoll off the coast of Bora Bora in the Pacific

Ach eadhon ann am pàrras ‘s urrainn dha cùisean a dhol ceàrr. Ma tha cuairt-gaoithe ann mar eisimpleir ‘s urrainn do aisling a dhol na dhroch bhruadair ’s a’ bhad, mar a thachair do Stan air an eilean aige nuair a bhual Cuairt-Gaoithe Oli air Polynesia, a’ dèanamh milleadh air an taigh aige agus a h-uile càil a bha na slighe. Bha seo mar dhearbhadh do Stan gum bu chòir dha an t-eilean a reic. Mar as tric le na h-eileanan a tha seo, tha thu nas buailteach airgead a chall agus gu h-àraidh às dèidh aimsir den t-seòrsa sin tha bargan no dhà rim faighinn ma tha thu airson eilean a cheannachd anns an àite. Tha Stan a’ comhairleachadh ge-tà “Chan e bargan a th’ ann, ‘s e dòigh-beatha a th’ ann… Ma tha thu a’ coimhead airson bargan na ceannaich motu idir” ach eadhon le cuairtean-gaoithe, tha eilean prìobhaideach anns Na Tropaigean gu math tlachdmhor.

Tha e gu math furasta dhuinn sinn fhèin a chall ann am bòidhchead, eachdraidh agus làraich sònraichte nan eileanan àlainn a tha seo, ach le barrachd riaghailtean-fearainn agus iarrtas airson ‘pìos de phàrras’, tha Soillse aig BBC Alba a’ toirt cothrom dhuinn ar n-òrdagan a bhogadh dhan uisge a tha a’ cuairteachadh nan eileanan a tha rin ceannachd air feadh an t-saoghail, a dh’ fhaicinn a bheil am pàrras airidh air a’ phrìs.