CUIDE RI CATHY – JENNI FALCONER
Diluain 19mh Iuchar aig 10.00f air BBC ALBA
Bho Blind Date gu Cuide ri Cathy, gheibh sinn a-mach dè tha am preasantair Albannach Jenni Falconer air a bhith ris nuair a bhios i air aoigheachd aig Cathy NicDhòmhnaill air BBC ALBA.

Tha Cathy a’ cur seachad an latha còmhla ri Jenni – sa mhadainn san ionad-eacarsaich far a bheil i ga deasachadh fhèin airson Marathon Lunnainn mus ’eil an dithis aca gan sgeadachadh fhèin son a dhol gu tachartas carthannas aig Urras a’ Phrionnsa far am bidh Jenni na tè an taighe.
Thòisich cùrsa-beatha Jenni ann an dòigh eadar-dhealaichte nuair a bha i gu math òg. Ghabh i fhèin agus a caraidean ùine gun chead bhon sgoil airson a dhol gu deuchainn son a bhith na h-aoigheachd air a’ phrògram ainmeil, Blind Date. Ged nach do shoirbhich leatha ann a bhith a’ lorg gaol air a’ phrògram, bha i soirbheachail ann an dòigh eile oir ’s ann tro seo a rinn i an àrd a h-inntinn a dhol an-sàs ann an gnìomhachas telebhisein.
Bho a ciad dreuchd a’ preseantadh The Big Country le Dougie Vipond, tha Jenni air iomadach rud inntinneach fheuchainn – bho bhith a’ leum a-mach à paraisiut gu bhith a’ còmhradh ri Tom Cruise. Ged nach eil an t-slighe gu soirbheachd air a bhith gun thrioblaid an siud ’s an seo, tha i fhèin ag aideachadh gu bheil i dha-rìreabh fortanach a bhith a’ dèanamh na h-obrach a tha i a’ dèanamh agus tha i a’ coimhead air adhart gu mòr ris na tha roimhpe.
Chithear am prògram seo air BBC ALBA air Diluain 19 Iuchar aig 10f.