ANN AN CÒI5
Diardaoin 6mh Iuchar aig 6.50 air BBC ALBA
Bidh am prògram mu dheireadh ann an sreath de phrògraman còig-mionaidean, air an lìbhrigeadh le òigridh eadar 10 is 13 bliadhna a dh’aois a' leantainn Katherine NicIllinein à Comar nan Allt 's i a' cur an cèill an ùidh a th' aice ann an ceòl tradiseanta.
Katherine NicIllinein (deas) comhla ri Norrie MacÌomhair (cli)
Tha an t-sreath air a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach ‘Sealladh’, a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 le na riochdairean Mòrag Stiùbhart agus Chris Young. Le taic bhon sgioba aig Sealladh, ghabh an òigridh pàirt ann an sgrìobhadh is aithris nam prògraman, agus rinn iad uile agallamh air an son.
Tha ‘Ann an Còi5’ a’ toirt cothrom dhan òigridh innse mu chur-seachad, àite no neach a tha prìseil nam beatha. 'S e Katherine NicIllinein a tha na sgoilear aig Àrd-sgoil Greenfaulds a bhios a' libhrigeadh an ath phrògram san sreath, a thig a shealltainn air Diardaoin 6mh den Lùnasdal air BBC ALBA.
Thoisich Katherine air am bocsa a chluich o chionn ceithir bliadhna air ais 's bidh i a-nis a' gabhail leasain ann an colaiste-chiùil Lannraig a' Tuath. Bidh Katherine cuideachd a' cluich ann an còmhlan air a bheil Ceòl. 's e còmhlan-sgoile a th' ann an Ceòl anns a bheil an dà chuid sgoilearan 's tidsearan a cluich. Chithear dìreach dè cho dìcheallach 's a tha Katherine 's i a' dol air ais dhan sgoil tro na làithean saora airson cluich sa chòmhlan.
Anns a' phrògram bidh Katherine a' seanchas ri Norrie MacÌomhair, neach-ciùil cliùiteach, a bhios cuideachd a' cluich a bhocsa. Bidh Norrie a' mìneachadh do Katherine cho cudromach 's a tha e a bhith a gabhail gach cothrom a bhith a' cluich 's cuideachd mu na h-eadar-dhealachaidhean a th' ann eadar a bhith a' cluich an dà chuid mar phàirt de chòmhlan 's nad aonar.
Tha an t-sreath ùr seo a' toirt cothroman do thàlant òg, air beulaibh agus air cùl a' chamara, an stuth aca fhèin a chruthachadh airson an t-sianal Gàidhlig. Chaidh na sgeulachdan an toirt gu buil le sgioba-riochdachaidh anns an robh dithis òga a bha a’ faighinn trèanadh ann an diofar sgilean riochdachaidh.
Thèid ‘Ann an Còi5’ a’ chraoladh air BBC ALBA air Diardaoin 6mh Lùnasdal aig 6.50. Tha e ri fhaotainn air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110.