ANN AN CÒI5
Dimàirt 4 Lùnasdal aig 6.50 air BBC ALBA
Bidh an darna prògram mu dheireadh ann an sreath a tha air an libhrigeadh le clann eadar 10 's 13 a' leantainn Keir Greatorex (13) à Brunsatne ann an Dùn Èideann 's e ag innse mar a bhios e a' cur seachad a shaoghal a' trèanadh aig track nam baidhsagal.
Keir Greatorex aig velodrome Meadowbank
Tha an t-sreath air a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach ‘Sealladh’, a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 le na riochdairean Mòrag Stiùbhart agus Chris Young. Le taic bhon sgioba aig Sealladh, ghabh an òigridh pàirt ann an sgrìobhadh is aithris nam prògraman, agus rinn iad uile agallamh air an son.
Tha ‘Ann an Còi5’ a’ toirt cothrom dhan òigridh innse mu chur-seachad, àite no neach a tha prìseil nam beatha. Bidh Keir Greatorex a tha na sgoilear aig Àrd-sgoil Sheumais Ghillespie a' libhrigeadh an ath phrògram san sreath, a thèid a chraoladh air BBC ALBA air an 4mh den Lùnasdal.
Tha Keir air ùidh a shealltainn ann an baidhsagalachd on a bha e glè òg agus a-nis tha e ag amas air adhartas a dhèanamh ann an rèisean-track. Mar thoradh bidh Keir gu tric ri fhaighinn aig a Velodrome far an dèan e suas ri 50 cearcall den track ann an aon seisean. Tha ùidh 's miann Keir follaiseach 's e ag obair gu cruaidh airson piseach a thoirt air sgil 's astar.
Bidh Keir a' trèanadh aig a Velodrome ann am Meadowbank, a dh'fhosgail ann an 1970 airson na geamaichean co-fhlaitheis. Tha Meadowbank air àite-treanaidh a thabhann dha cuid dha na daoine as fheàrr san spors, nam measg, Chris Hoy. B'e buaidh Hoy a tharraing Keir chun an spòrs 's a tha fhathast ga bhrosnachadh.
Anns a' phrògram bidh Keir a' bruidhinn ri Gòrdan Camshron, a tha na neach-aithris a thaobh an spòrs 's a bhios a' toirt beachd air rèisean mar an Tour de France. Bidh Gòrdan ag innse do Kheir mar a ghabh e fhèin ùidh san spòrs 's cuideachd mar a tha obair a toirt dha an cothrom a bhith an làthair aig cuid de na co-fharpaisean as cudromaiche san Roinn-Eòrpa.
Tha an t-sreath ùr seo a' toirt cothroman do thàlant òg, air beulaibh agus air cùl a' chamara, an stuth aca fhèin a chruthachadh airson an t-sianal Gàidhlig. Chaidh na sgeulachdan an toirt gu buil le sgioba-riochdachaidh anns an robh dithis òga a bha a’ faighinn trèanadh ann an diofar sgilean riochdachaidh.
Thèid ‘Ann an Còi5’ a’ chraoladh air BBC ALBA air Dimàirt 4 den Lùnasdal aig 6.50. Tha e ri fhaotainn air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110.