TRUSADH - KENNETH MCKELLAR
Diardaoin 30mh Dùbhlachd aig 9.00f air BBC ALBA
Tha Anna Latharna NicGillìosa a' lìbhrigeadh prògram a tha a' comharrachadh an teanor as fheàrr a bh' ann an Alba - Coinneach MacEalair a chaochail na bu thràithe am bliadhna. Choisinn MacEalair cliù ann an Alba agus thall thairis thar na leth-cheud bliadhna a bha e ag obair, ach air cùl a' phearsa ainmeil, b' e duine sàmhach a bh' ann a dhiùlt urraman sònraichte agus duaisean.

Ged nach do sheinn MacEalair ann an Gàidhlig a-riamh, bha spèis aige don chànan tro bhith a' seinn agus bha e an-còmhnaidh a' dèanamh cinnteach gu robh na facail Ghàidhlig a bha a' nochdadh sna h-òrain air an cantainn ceart, a' sealltainn cho dèidheil 's a bha e air a dhùthaich fhèin.
Bha àbhachdas na phàirt mhòr de bheatha MhicEalair agus bha scriobt a sgrìobh e air a chleachdadh ann an sgeidse Monty Python. B' e an aon duine taobh a-muigh sgioba Mhonty Python leis an deach sgeidse a dhèanamh. Sgrìobh e òrain èibhinn leithid 'The Midgies' agus chuir e fhèin agus Johnny Beattie càraid comadaidh air bhog.
Ainmeil mar mhìniche òrain Raibeirt Bhurns, sgrìobh MacEalair an t-òran a dh' fhosgail Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann an Dùn Èideann ann an 1986. Agus, an uair a thòisich a ghuth a' falbh leig e seachad a dhreuchd agus bha e na rèitiche-ciùil ainmeil.
Bha Bill Innes a bha a' lìbhrigeadh a' phrògraim ciùil opara, 'Abair Aria' den bheachd nach robh Alba mothachail air cho math 's a bha a ghuth. Gu dearbha, b' urrainn argamaid a dhèanamh gur e rionnag na bu mhotha a bh' ann, agus chanadh cuid gu robh dùthchannan leithid Canada agus Astràilia na bu dèidheile air.