CUAIRT DEIREANNACH CUPA NA H-ALBA AIR BBC ALBA
Spòrs
Didòmhnaich 23 Cèitean 3.55f
Thèid am prìomh geam ann an ball-coise Juniors na h-Alba fhaicinn beò air BBC ALBA air Didòmhnaich 23 Cèitean nuair a bhios Largs Thistle an aghaidh Linlithgow Rose aig Rugby Park ann an Cille Mhearnaig. Tòisichidh an geam aig 4f le Calum ‘Caxy’ MacAmhlaidh a’ lìbhrigidh.
A bharrachd air an geam, chìthear agallamhan le riochdairean bho na sgiobaidhean agus naidheachdan bhon dà bhaile aig leth-slighe tron gheam.
Tha Cuairt Deireannach Cupa na h-Alba seo mar pàirt den phasgan spòrs air BBC ALBA far am bith camanachd beò ri fhaicinn cuideachd a bharrachd air na geamanan ball-coise agus rugbaidh a chaidh fhaicinn thairis air na seachdainean a dh’fhalbh.
Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA “Tha Cuairt Deireannach Cupa na h-Alba aig ìre na Juniors gu math cudromach air clàr ball-coise ann an Alba agus tha sinn air leth toilichte gum bith an geam againn beò air BBC ALBA. Tha seo a’ toirt cothrom do luchd-leantainn ball-coise air feadh Alba an geam fhaicinn agus tha e mar comharrachadh a rithist gu bheil BBC ALBA dealasach air spòrs Albannach aig iomadh ìre a’ chraoladh”
Thèid am prògram a’ riochdachadh le mneTV agus chìthear BBC ALBA air Sky 168 & Freesat 110.