LEAN GU DLÙTH
BBC ALBA - Dihaoine 5 Òg Mhios 9f
Anns an t-sreath ùr Lean gu Dlùth tha an t-Ollamh Uisdean MacIlinnein a’ rannsachadh agus meòrachadh air saoghal na camanachd agus a’ bhuaidh a bh’aig a ghèam air a’ bheatha.
‘S e sreath dà phàirt a th’ann an Lean gu Dlth a chaidh a dhèanamh le BBC Gàidhlig airson BBC ALBA agus thèid a chiad phrògram a’ chraoladh Dihaoine 5mh Òg Mhios aig 9f. Tha seo a’ cur ris na chìthear de chamanachd air BBC ALBA thairis air an t-samhraidh far am faicear còig Cuairtean-deireannach Iomain beò.
Thèid na programan a’ chluinntinn cuideachd air BBC Radio nan Gàidheal a’ tòiseachadh air Diluain 8mh Òg Mhios aig 11.30f agus a rithist aig 22.00
Anns a’ chiad prògram tha Uisdean a’ coimhead air ais air na bliadhnaichean a bh’aige ann an Càol, faisg air a’ Ghearasdan agus far an do dh’ionnsaich e iomain.. Tha am prògram cuideachd a’ leantainn Uisdean bho na làithean aige anns an sgoil agus ann an Oilthigh Glaschu an uair a bha e fhèin a’ cluich, suas chun an latha an diugh far a bheil e na chraoladair agus na sgriobhaidear ainmeil air spòrs.
Tha Lean gu Dlùth cuideachd a’ leantainn Uisdean gu aìtichean leithid an t-Eilean Sgiathanach, Obair Dheathainn agus gu Pàirc an Chrogaidh ann am Baile A Chliath fear de na rùn-spòrs as ainmeil anns an Roinn Eòrpa agus far an do chluich Uisdean mar dheugaire.
Tha BBC ALBA gu bhith craoladh còig gèam iomain be thairis air mìosan an t-samhraidh a’ tòiseachadh le Cuairt-Deireannach Cupa MhicTabhais a thèid a chluich aig Pàirc a’ Bhught ann an Inbhir Nis air Disathairne 13mh Òg Mhios far am bith Baile Ùr an t-Sleibhe a’ cluich Ceann a’ Ghusaidh
Chaidh Lean gu Dlùth a’ riochdachadh le Dòmhnall MacLèoid agus chìthear a chiad prògram aig 9f air Dihaoine 5mh Òg Mhios. Gheibhear BBC ALBA air Sky Sianal 168 agus air Freesat sianal 110