LES MCKEOWN AGUS TRIOBLAIDEAN LE DEÒCH LÀIDIR AGUS AM BITH NA ROLLERS A’ TIGHINN CÒMHLA AON UAIR EILE ?
CUIDE RI CATHY – LES MCKEOWN
Diluain 21 Òg Mhios, 10f, BBC ALBA
Anns an ath phrògram anns an sreath Cuide ri Cathy, tha Les McKeown a bha aig aon àm a’ cluich ann an còmhlan Bay City Rollers, a’ cur seachad là còmhla ri Cathy ann an Lunnainn. Anns a’ phrògram tha e a’ bruidhinn mu dheidhinn a chòmhlan, mar a tha e a sabaid an aghaidh trioblaidean le deoch làidir agus na tha e airson a’ dhèanamh ann an saoghal ceòl.

Les McKeown le Cathy Dòmhnallach
Tha Les ag aideachadh cho ìosal sa bha e leis an deoch agus drugaichean agus cuideachd mu dheidhinn strì a’ chòmhlan airson airgead fhaighinn air ais bho na clàran a reic iad.
A bharrachd air trioblaidean a th’ air a bhi aige tha Les ag innis gu bheil e faireachdainn math agus gu bheil e air stuth ùr a’ chlàradh agus gu bheil e airson faighinn air ais gu bhith a’ dol air turas aon uair eile.
Tha e den bheachd cuideachd gu bheil dòchas ann gum b’urrainn do na Bay City Rollers thighinn còmhla a rithist.
Thèid Cuide ri Cathy fhaicinn air BBC ALBA air Diluain 21 Òg Mhios aig 10f. Gheibhear BBC ALBA air Sky 168, Freesat 110 agus air www.bbc.co.uk/iplayer