LIÒG MAGNERS BEÒ AIR BBC ALBA
Thèid an Iar Chuairt Dheireannach ann an Liòg Rugby Magners eadar Ospreys agus Glasgow Warriors fhaicinn beò air BBC ALBA an ath-oidhche (Dihaoine 14 Cèitean) aig 7.05f.

Chìthear an geam beò cuideachd air BBC iPlayer le ath-chraoladh air BBC ALBA air Disathairne 15mh Cèitean aig 11.30f.
Aig leth-slighe tron gheam chìthear agallamhan le Kelly Brown, cluicheadair Albannach agus Andy Robinson, a tha os cionn an sgioba nàiseanta rugbaidh ann an Alba. Thèid coimhead air ais air sèasan rugby ann an Alba agus chìthear ciamar a fhuair Warriors don Iar Chuairt-Dheireannach Liòg Magners
Thèid am prògram a’ riochdachadh le mneTV airson BBC ALBA le Hugh Dan Mac Gill Innein a’ lìbhrigidh.