MARGO DÒMHNALLACH AIR CUIDE RI CATHY
Diluain 14mh Òg-mhios aig 10.00f air BBC ALBA
A’ bruidhinn air prògram Cuide ri Cathy air BBC ALBA, tha Margo Dòmhnallach BPA a’ cur seachad an là còmhla ri Cathy far a bheil i ag innis mu dheidhinn a beatha aig Holyrood agus an iomairt aice airson bile fèin-mharbhadh. Cuideachd tha Margo a’ cur seachad ùine le Cathy aig oidhche duaisean airson luchd-poileataics.
Tha Margo Dòmhnallach cuideachd a’ bruidhinn air mar a tha i air a bhith fulang le Parkinson’s agus gu bheil i dòchasach gum faigh i taic airson an iomairt aice.

A bharrachd air Margo, bith Cathy cuideachd a’ bruidhinn ris an duine aice, Jim Sillars ‘s iad pòsda 30 bliadhna. Tha Margo a leantainn oirre a ‘bruidhinn mu dheidhinn mar a bhuannaich i fo-thagh ann an Baile Ghobhainn ann an 1973 agus na beachdan aice mu dheidhinn de cho cudromach sa tha spòrs.
Tha meas mòr air daoine air Margo Dòmhnallach agus I fhèin an dòchas gum b’urrainn dhi stiùir a thoirt air cuisean ged nach bith cumhachd mòr aice fhèin ann am poileataics.
Thèid Cuide ri Cathy fhaicinn air BBC ALBA air Diluain 14mh Òg Mhios aig 10f. Gheibhear BBC ALBA air Sky 168 agus Freesat 110 agus air iPlayer.