FÈIS CAMANACHD MARINE HARVEST AIR BBC ALBA
Thèid Fèis Camanachd Marine Harvest anns a’ Ghearasdain fhaicinn beò air BBC ALBA air 3 Iuchar.
Bith 10 sgioba bhon Phrìomh Lìog Camanachd ann an Alba a’ farpaisich le sianar anns gach sgioba.
Thèid am prògram fhaicinn beò air BBC ALBA a’ tòiseachadh aig 3.30f. Am measg na bhios air BBC ALBA, tha geam sònraichte eadar cluicheadairean nam Ban bho Tuath an aghaidh sgioba nam Ban bho Dheas.
Bith sgioba Gleann a Gharaidh cuideachd ag ionnsachadh sgilean camanachd bhon phrìomh chluicheadair Ceann a’ Ghiuthsaich Raghnall Ross. Thèid am prògram lìbhrigidh le Calum “Caxy” Mac Amhlaidh le Ùisdean Mac Mac Illinnein, a’ toirt thugainn na geamannan le beachdan bho Drew McNeill Manaidsear na h-Alba
Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA “Bha Cuairt Dheireannach air leth againn Disathairne a chaidh a bha mar toiseach tòisichidh math dhuinn agus tha mi cinnteach gum bith am farpais ùr seo a’ glacadh aire luchd-coimhead”
Tòisichidh an latha aig 1130f agus bith farpais sgoile ann le Cuairt Dheireannach Farpais Camanachd Sgoiltean na Gàidhealtachd far am bith Bail ùr an t-slèibh a ‘dol an aghaidh sgioba A’ Mhannachainn
Thèid da Chuairt Dheireannach eile fhaicinn beò air BBC ALBA mar a leanas:
‘Se mneTV a tha a’ riochdachadh Cuairtean Dheireannach Camanachd as leth BBC ALBA