3 An t-Iuchar 2009
ANN AN CÒI5
Dimàirt 7 An t-Iuchar aig 6.55 air BBC ALBA
Tha sreath ùr de phrògraman còig-mionaidean, a bhios air an lìbhrigeadh le òigridh eadar 10 is 13 bliadhna a dh’aois, a' tòiseachadh a dh’aithghearr air BBC ALBA.
Tha an t-sreath air a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach ‘Sealladh’, a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 le na riochdairean Mòrag Stiùbhart agus Chris Young.
Le taic bhon sgioba aig Sealladh, ghabh an òigridh pàirt ann an sgrìobhadh is aithris nam prògraman, agus rinn iad uile agallamh air an son.
Tha ‘Ann an Còi5’ a’ toirt cothrom dhan òigridh innse mu chur-seachad, àite no neach a tha prìseil nam beatha. Tha an t-sreath air cothroman ùr a thoirt do thàlant òg air beulaibh agus air cùl a' chamara, le dithis den sgioba riochdachaidh a’ faighinn trèanadh ann an diofar sgilean riochdachaidh.
Thèid a’ chiad phrògram’ a’ lìbhrigeadh le Millie Ros à Leantran, faisg air Inbhir Nis. Tha Mille trì bliadhn’ deug agus tha i na sgoilear ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Tha ùidh air a bhith aice ann an seinn on a bha i glè òg agus fhuair i a' chiad duais aig Mòd nuair a bha i naoi bliadhna a dh’aois. Tha i a nise na ball den chòmhlan-seinn Canntaireachd far a bheil i a’ faighinn cothrom òrain a sgrìobhadh a bharrachd air a bhith gan seinn.
Millie Ross
Tha fichead neach òg, à àrd-sgoiltean na sgìre, ann an Canntaireachd. Chaidh iad uile tro fhoghlam bun-sgoile ann an Sgoil a’ Mheadhain an Inbhir Nis, agus chaidh am buidheann a thoirt còmhla leis an t-seinneadair Gàidhlig Eilidh Nic Coinnich, a tha fuireach anns an Eilean Dubh.
Bidh Canntaireach a' coinneachadh a h-uile seachdain ann an Ceiseig a' Tuath. Tha iarrtas mòr air a bhith air na seinneadairean òg bho chaidh am buidheann a stèidheachadh. Tha iad air pàirt a ghabhail ann am Fèis Blas agus ann an cuirmean ann an Talla Eden Court, an Inbhir Nis.
Anns a’ phrògram bidh Millie a’ dèanamh agallamh le Eilidh NicCoinnich agus le Cairistiona Ros, tè dhe na h-ighnean as sine anns a bhuidheann, agus bi Canntaireachd a’ seinn òran a sgrìobh iad fhèin, Òran Choinnich Odhair’.
Thèid ‘Ann an Còi5’ a’ chraoladh air BBC ALBA air Dimàirt 7 An t-Iuchar ag 6.55. Tha e ri fhaotainn air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110.