ROCKNESS 2011 – BEÒ AIR BBC ALBA
Tha àm nam fèisean-ciùil samhraidh a’ dlùthachadh agus tha na bòtannan gleansach a’ tighinn a-mach as a’ phreasa! Agus tha BBC ALBA gu bhi aig fìor thoiseach tòiseachaidh an t-sèasain aig Rockness, Disathairne an 11 den t-Ògmhios. Bi na pìosan as fheàrr den fhèis-chiùil rim faicinn air BBC ALBA eadar Paolo Nutini, Magnetic Man, Kasabian, Glasvegas, The Wombats a thilleadh air Frightened Rabbit agus ceòl bho na DJan ainmeil Annie Mac agus Zane Lowe.

Bidh BBC ALBA a’ craoladh beò bho bhruaichean àlainn Loch Nis, fad dà uair a thìde Disathairne 11 Ògmhios eadar 9-11f agus Didòmhnaich 12 Ògmhios eadar 10-12f agus le BBC ALBA ri fhaotainn air Free view seanail 8 bho 8 Ògmhios, bidh cothrom aig gach taigh ann an Alba Rockness fhaicinn.
‘S iad Anndra Robasdan agus Emma NicAonghais a bhios a’ toirt thugainn Rockness 2011, is iad a’ faighinn cothrom còmhraidh le na seinneadairean agus na còmhlain agus mur a bheil sibh air chothrom neo fortanach gu leòr a bhith an làthair aig an fhèis, gheibhear fìor dheagh bhlas de na thachair air BBC ALBA!

Tha BBC ALBA a-nise ri fhaicinn air Càbal Virgin Media aig àireamh 188, air Sky seanail 168 agus Freesat 110. Chithear cuideachd 10 uairean a thìde de phrògraman gach seachdain air BBC iPlayer.