PEADAR TOBIN – AM MURTAIR AS MIOSA ? BBC ALBA A’ RANNSACHADH
Ann an 2009 chaidh Peadar Tobin, a bha mar tha ann am prìosan airson dithis caileag a mhurt, fhaighinn ciontach airson murt Dinah NicNeacail, 18 bliadhna a dh’aois a Essex. Tha Tobin a-nis air aithneachadh mar mhurtair bitheanta ‘gu h-oifigeil’.

Anns a’ phrògram ‘Murtair Bitheanta’ a chaidh a’ riochdachadh le STV airson BBC ALBA, thèid a’cheist fhaighneachd – an e am murtair nas miosa a chunnaic Alba a-riamh?
Tha am prògram a’ coimhead air beatha Tobin le dithis a bha pòsda ris a‘ bruidhinn air cho brùideil sa bha e. Bidh am prògram cuideachd a’ feuchainn ri freagairt ceist mu dheidhinn a bheil ceangal sam bith ann eadar Tobin agus ‘Bible John’ a rinn iomadh murt ann an Glaschu anns na trì ficheadan ?
Chìthear Peter Tobin – Murtair Bitheanta air BBC ALBA air Diciadain 21 Giblean aig 9f