CINN-CONNAIDH NAN EILEAN
Diluain 2 Lùnastal 2010 aig 9.00f air BBC ALBA
Tha cuid anns na h-eileanan a tha air an glacadh le carbadan, agus bidh prògram ùr Trusadh a’ coimhead air a’ chur-seachad seo air BBC ALBA, Diluain 2 Lùnastal 2010.

Ann an ‘Cinn-Connaidh Nan Eilean / Hebridean Petrolheads’, bidh sinn a’ coinneachadh le daoine a tha a’ càradh bhusaichean, thractairean agus fiù ’s jeep às na h-Innseachan, agus le Sandy Moireasdan, aig a bheil cur-seachad cunnartach ùr aig aois 62 – draibheadh ralaidh – a’ dh’aindeoin a’ chunnairt agus barail a mhnaoi gu bheil e air a rian a chall. Feumaidh bean Dhòmhnaill “Cudaig” MhicLeòid a bhith foighidneach cuideachd, oir tha Dòmhnall a’ càradh Massey Ferguson agus bidh e a’ toirt seachad barrachd ùine leis an tractair na còmhla rithese. Fhuair Donnchadh Caimbeul à Uibhist a Tuath jeep Mahihndra air dìreach £100, agus ged a tha e doirbh pàirtean ceart fhaighinn air a shon bidh e a’ cur feum air rudan a ghabhas a lorg air an eilean airson a’ phròiseict sgeadachaidh aige.

Cuideachd sa phrògram bidh turas busaichean dearg is uaine Mhic a’ Bhruthainn. Bidh Donaidh Dòmhnallach agus a chàirdean a’ toirt seachad tòrr ùine – cus ùine, is dòcha – a’ cumail nan carbadan aca a’ dol. Agus bidh Donna Bharden a’ faicinn a’ chàr a bh’ aig a duine nach maireann ga sgeadachadh airson banais mac a brathar.
Air a riochdachadh le mactv agus air a stiùireadh le Magnus Greumach airson BBC ALBA, bidh ‘Cinn-Connaidh Nan Eilean / Hebridean Petrolheads‘ ga chraoladh Diluain 02 Lùnastal 2010 aig 9f.