AN T-OLLAMH SIR IAN WILMUT CUIDE RI CATHY
Diluain 5 Iuchar aig 10.00f air BBC ALBA
Tha an t-Ollamh Sir Ian Wilmut, a tha air cliù fhaighinn airson obair saidheans a’ cur seachad an là còmhla ri Cathy Dòmhnallach airson prògram Cuide ri Cathy air BBC ALBA.
Anns a phrògram chìthear Sir Ian agus Cathy a’ tadhal air làrach obair aige ann an Dùn Èideann agus a’ còmhradh mu dheidhinn an obair a tha e a’ dèanamh.
Tha Sir Ian gu sònraichte ainmeil airson an obair a rinn e os cionn an sgioba a’ chruthaich Dolly an caora ann an 1996 agus tha e ag innis do Cathy gur e an aon àrd-amas air fhàgail aige leigheas fhaighinn airson tinneas Motor Neurone.
Thèid Cuide ri Cathy fhaicinn air BBC ALBA air Diluain 5 Iuchar aig 10f. Gheibhear BBC ALBA air Sky 168 agus Freesat 110
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh 'sa Bheurla
Leugh an stòiridh 'sa Bheurla an seo