CREIDEAMH FHATHAST LÀIDIR ANN AN EILEAN LEÒDHAIS?
The Last Stronghold of the Pure Gospel: An-diugh
BBC ALBA, Diardaoin 9 Ògmhios, 9f
Ann an 1979 chaidh The Last Stronghold of the Pure Gospel a chraoladh an toiseach air a’ BhBC. Sheall am prògram air a’ chreideimh Chrìosdail ann an Eilean Leòdhais am measg sean agus òg le teisteanasan cumhachdach air buaidh a’ chreideimh air beatha phearsanta nan daoine.
Anns a’ phrògram The Last Stronghold of the Pure Gospel: An-diugh bidh cuid a ghabh pàirt sa chiad phrògram a’ bruidhinn mun phrògram agus mu na h-atharraichean a th' air gabhail àite ann an còrr air deich bliadhna fichead. Nam measg, an t-Urr. Iain D Caimbeul nach robh ach còig bliadhn’ deug ann an 1979 agus Murchadh MacLeòid, iasgair a tha nise na èildear san Eaglais Shaor.
Chaidh The Last Stronghold of the Pure Gospel: An-diugh a riochdachadh le BBC Gàidhlig airson BBC ALBA.
Chìthear The Last Stronghold of the Pure Gospel: An-diugh air BBC ALBA air Diardaoin 9 Ògmhios aig 9f le ath-chraoladh air Diluain 13 Ògmhios aig 10.30f