NA GÀIDHEAL AIR POILIS GLASCHU
Balaich nam Putain Buidhe
Diardaoin 8mh Dàmhair aig 9f air BBC ALBA
Tha prògram Balaich nam Putain Buidhe a’ toirt siùil air an àm as dèidh an Dàrna Cogaidh agus air na Gàidheil a bha nam poleas an Glaschu.

‘S e Boyd Robasdan a bhios a’ libhrigeadh a phrogram seo agus bith e a’ coimhead air am buaidh a bh’aig na Gàidheil air poleas Baile Ghlaschu agus air na daoine a bha a’ dèanamh eucoir anns a bhaile.
Tha sgeulachdan daithe is inntinneach aig an fheadhainn a bha nam oifigearan poilis agus cuideachd chìthear dràma a chaidh a’ dhèanamh gu sònraichte airson a’ phrògram.
Ged a bha cunnart ann, bha meas mòr anns na coimhearsnachdan air na poilis agus cuideachd aig na oifigearan poilis airs a coimhearsnachdan.
Thairis air uair a thìde tha Balaich nam Putain Buidhe a’ coimhead air a’ bhuaidh agus air an obair dòrainneach ach cuideachd air amannan nas aotram a bh’aig muinntir a’ pholeas aig an àm.
Thèid Balaich nam Putain Buidhe fhaicinn air BBC ALBA air Dimàirt 8mh Dàmhair aig 21.00 agus a rithist air Diluain 12mh Dàmhair aig 22.30