RABBIE AGUS CAILEAGAN NASHVILLE
Diciadain 25 Faoilleach 2012, 9-10f air BBC ALBA
‘S e cuirm-chiùil shònraichte a tha seo air BBC ALBA. Tha am prògram a’ cur urram air Raibeart Burns agus air a bhàrdachd is a chuid ciùil air an 253mh co-là-breith aige. A’ tighinn bhon Country Music Hall of Fame ann an Nashville, Tennessee, is i Màiri Anna NicUalraig a tha na Bean an Taighe agus tha i a’ toirt thugainn òrain Ghàidhlig agus Country le seinneadairean à Alba agus Nashville.

Tha Cathy Anna Nic a’ Phi à Barraigh, aon de na bana-sheinneadairean Ghàidhlig as motha air a bheil fèill ann an Alba, a’ bruidhinn air a’ cheòl Country air a bheil i cho measail. Cluinnear i a’ seinn leithid “Chan eil ach Cùram air gach Làimh” agus “Aon Phòg Ghràidh”. Tha rionnagan Nashville Beth Nielsen Chapman agus Suzy Bogguss a’ gabhail cuid de dh’òrain Burns, leithid “Ye Banks and Braes” agus “Westlin Winds” anns an dòigh sònraichte aca fhèin, le taic bho luchd-ciùil Nashville agus an stiùiriche-ciùil Albannach Phil Fern. Bha buaidh mhòr aig ceòl Burns, gu h-àraidh “The Highland Widow's Lament”, air Beth Nielsen Chapman an uair a chaochail an duine aice bho chionn trì bliadhna.
Tha a’ bhana-fhìdhlear Laura McGhee, a rugadh air Taobh Tatha, a' cur a tionndadh fhèin air “McPherson's Farewell” agus “To The Weavers Gin Ye Go” a bharrachd air taic a chumail ri na seinneadairean eile. Cluinnear cuideachd bho na McCarter Twins, a tha air obrachadh a-cheana còmhla ri Dolly Parton.
Thàinig luchd-èisteachd à Comann Albannach Mid-Tennessee agus à Nashville fhèin agus thug a' chuirm-chiùil seo blas Gàidhlig na h-Alba do Music City.
Riochdaichte le Demus Productions airson BBC ALBA, thèid ‘Rabbie agus Caileagan Nashville’ a chraoladh air Oidhche Burns, Diciadain 25 Faoilleach aig 9f le ath-chraoladh air Diardaoin 26 Faoilleach aig 10.30f. Chithear cuideachd e tron BBC iPlayer.