22 Dàmhair 2009
CAMARA BRISTE ACH DEALBH TAGHTA DEN BHÀN-RÌGH
CUIDE RI CATHY - RANKIN
Diluain 26mh Dàmhair, 10f, BBC ALBA
‘Se an dealbhadair ainmeil Albannach, Rankin, a bhios cuide ri Cathy a’ cuir seachad tìde còmhla rithe anns an ath phrògram.
Anns a’ phrògram ann an sreath ‘Cuide ri Cathy’ air BBC ALBA, chìthear John Rankin Waddell ann an Lunnainn, leis an teaghlach agus aig an taisbeanadh ùra aige ann an Taigh-grùide Truman.
Rankin còmhla ri Cathy
‘S ann an Pàislig a’ rugadh Rankin agus goirid mus do choinnich e ri Cathy bha e a togail dealbh am Prìomhaire Gordon Mac Ille Dhuinn – agus cha be seo a chiad uair a bha e air dealbh Prìomhaire a’ thogail. Tha e cuideachd air dealbh a Bhàn-Rìgh a thogail agus tha e ag innis do Cathy gun do chòrd seo ris gu mòr ged nach deach cùisean mar bu chòir.
Tha stiùideo ùr aig Rankin agus ‘s ann air an aon làrach a bhios an taigh aige agus tha Cathy faighinn cothrom sin fhaicinn. Gheibh Cathy a mach cuideachd beagan mu dheidhinn an obair a th’ann co-cheangailte le bhith a’ togail dealbhan. A’ coimhead air taisbeanadh dealbhan Rankin, tha Cathy ag iarraidh air Rankin coimhead air adhart agus tha e ag innis mar a tha airson dealbh daoine mar Nelson Mandela agus an Dalai Lama a ‘thogail.
Thèid Cuide ri Cathy fhaicinn air BBC ALBA aig 22.00 air Diluain 26mh Dàmhair. Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110 agus beò air BBC iplayer.