TILLEADH DHACHAIDH
Diluain 14mh Òg-mhios aig 9.00f air BBC ALBA
Tha Alina NicAsgaill Simpson am beachd turas air leth a gabhail gus dust bràthair a seanair a thoirt air ais à Astrailia a dh' Alba.
Chaochail Iain Earsaidh MacAsgaill, Bàrd Bheàrnaraigh, ann an 1934 ann am bochdainn, ach bha e a-riamh ag iarraidh tilleadh dhachaigh. 76 bliadhna as dèidh a bhàs tha Alina an dùil a' mhiann aige a choileanadh.
Chaochail Iain Earsaidh MacAsgaill, Bàrd Bheàrnaraigh, ann an naoi ceud deug trichead 's a ceithear. Chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh aige ann am bochdainn agus tha a' bhàrdachd agus na litrichean a chur e dhachaigh a' toirt iomradh air a' mhiann a bh' aige tilleadh à Astrailia gu eilean àraich. Seachdad 's a sia bliadhna as dèidh a bhàs tha Alina an dùil a' mhiann aige a choileanadh.
Ach airson a miann a thoirt gu buil, feumaidh Alina £6000 a thogail taobh a-staigh sia mìosan. An deàn i a chùis? Sgeulachd dhrùidhteach, mhisneachail mu bhoireannach dhìorrasach 's a turas sònraichte gus an urram agus an spèis air an robh e airidh a thoirt dha bràthair a seanair.