SEALLADH SÒNRAICHTE AIR COR COIMHEARSNACHD ROMA KOSOVO.
Trusadh - Fuil agus Luaidhe
Diluain 25mh Dàmhair aig 9.00f air BBC ALBA
Tha Roseanna Nic a' Phì - a tha gu math eòlach air a bhith strì as leth a coimhearsnachd ann an Alba, an luchd-siubhail - a' gabhail cuairt dhrùidhteach a Kosovo, son suidheachadh coimhearsnachd Roma Mitrovica fhaicinn.
As dèidh dhaibh a bhith air an ruaigeadh bho an dachaighean aig àm a' chogaidh 10 bliadhna air ais, chaidh mòran dhiubh a chur ann an campaichean faisg air Mitrovica. Ach chaidh an togail air talamh far na chleachd am mèinn luaidh as motha san Roinn Eòrpa a bhith. Tha a' mhòr-chuid dhiubh fhathast an sin, agus mòran dhan sluagh, gu sònraichte a' chlann, a' fuiling bho phuinnseanachadh luaidhe.
Chaidh an fhear naidheachd telebhisein eòlaichte, Derek MacAoidh, an cois Roseanna air a turas, agus còmhla bheir an dithis aca sealladh sònraichte air cor coimhearsnachd Roma Mitrovica, agus oidhirpean neach-siubhail Albannaich cuid de a gnè fhèin a chuideachadh.
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh 'sa Bheurla
Leugh an stòiridh 'sa Bheurla an seo