LÀ NA SÀBAID ANNS NA H-EILEANAN AN IAR – AIR BBC ALBA
Trusadh - La Air Leth?
Diluain 13 Sultain aig 9f air BBC ALBA
Tha an Ceathramh Àithne “Thor an aire Là na Sabaid a naoimhachadh mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut” air buaidh a thoirt air Eileanan Leòdhais, Na Hearadh agus Uibhist a Tuath fad iomadh ginealach. An-diugh, tha na coimhearsnachdan sin a-measg an fheadhainn mu dheireadh a tha a’ cumail na Sàbaid – ach dè cho fada sa mhaireas sin?
Anns a’ phrògram ùr, Là air Leth, a chaidh a riochdachadh le mactv airson BBC ALBA mar phàirt den t-sreath Trusadh, thèid coimhead air a’ chuspair agus mar a tha beachdan creideimh ag atharrachadh an-diugh anns a’ Ghàidhealtachd.
Tha am prògram a’ toirt sùil air coimhearsnachdan nan Innse Gall agus am pàirt a bu chòir dha Là na Sàbaid a bhith a’ cluich anns an 21mh linn anns na h-Eileanan.
A dh’aindeoin leasachaidhean ann an ceanglaichean-siubhail, le seirbheis itealain a’ ruith air Là na Sàbaid bho 2002 agus bàtaichean aiseig bho 2009, tha barrachd ghnìomhachasan a-nis fosgailte air Là na Sàbaid. Ach tha cuid ann mar Shonnie MacRisnidh, aig a bheil Taigh-òsta County ann a Steòrnabhagh, a tha fhathast gu mòr airson Là na Sàbaid a chumail.
Tha cuspairean gu math connspaideach air an togail mar am bu chòir do leithid Ionad Spòrs Leòdhais agus an Raon Goilf a bhith fosgailte gus cothrom a thoirt do theaghlaichean a bhith dhan cleachdadh.

Elma NicLeòid
Tha Elma NicLeòid a’ dol an aghaidh beachd cuid a bhios ag ràdh gum bi barrachd iarratas ann airson goireasan eile fhosgladh nam biodh leithid an Ionad Spòrs fosgailte Là na Sàbaid.
Tha Ministear an Eaglais Shaoir, an t-Urramach Iain D. Caimbeul, den bheachd gum bi buaidh gu math dona air a’ choimhearsnachd ma thachras a leithid. “Bhiodh buaidh orra-san a dh’fheumadh obrachadh Là na Sabaid agus uallaichean air teaghlaichean an cuid chloinne a chuir an-sàs ann an co-fharpaisean spòrs is mar sin air adhart.”

Rev Dr Iain D Campbell
Tha coltas ann gum bi an deasbad a’ dol airson greiseag fhathast. An dùil an cùm muinntir na h-Eileanan ris na tha cuid a dhaoine ag ràdh a tha a’ cumail na h-Eileanan air leth, neo bheil cùisean beag air bheag ag atharrachadh? Chithear Là air Leth air BBC ALBA air Diluain 13 Sultain aig 9f.