CUPA NA CRUINNE NAM BAN - ALBA V DANMHAIRG BEÒ AIR BBC ALBA
Spòrs – Alba an aghaidh Danmhairg
Diardaoin 24 Òg Mhios, 19.15 air BBC ALBA
Tha BBC ALBA gu bhith a’ leantainn Sgioba Ball-coise nam Ban Albannach ‘s iad a strì airson àite fhaighinn aig Cupa na Cruinne nam Ban. Tha Alba gu bhith cluich ann an geam cudromach an aghaidh Danmhairg air Diardaoin 24 Òg Mhios leis an geam a’ tòiseachadh aig 7.30f. Bith an geam ri chluich aic Pàirc Rugby ann an Cill Mhearnaig.
Bith Gordon Mac a’ Ghobhainn, a b’ àbhaist a bhith ann an dreuchd Àrd Oifigear aig an SFA còmhla ri Sgioba Spòrs airson na beachdan aige a’ thoirt air a gheam.
Tha Alba gun geam a chall anns a bhuidheann aca agus bhuannaich iad 5-0 an aghaidh Bulgaria Disathairne a chaidh.
Tha seo a’ fàgail Alba aon phuing air deireadh air Danmhairg a tha air geam a’ bharrachd a’ chluich. Bhuannaich Danmhairg 7-0 an aghaidh na Grèige air an deireadh sheachdain.
Ma bhuannaicheas Alba air Diardaoin, cuiridh sin iad da phuing air thoiseach anns a’ bhuidheann le cothrom math fhaighinn gu cuairtean-dheireannach farpais mòr airson a chiad uair.
Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA “ Le sgioba na h-Alba a deasachadh airson an geam seo, tha mi air leth toilichte gu bheil BBC ALBA a bhith a’ craoladh an geam seo beò. Tha ball-coise nam ban a-fàs ann an Alba agus tha barrachd iarrtas ann airson an sgioba nàiseanta fhaicinn. Tha cothrom math aig an sgioba agus tha sinn an dùil ri sluagh math airson taic a’ chur riutha. Tha BBC ALBA air geam bhon fharpais Roinn Eòrpa 2009 air craoladh roimhe agus tharraing sin àireamh math de luchd-amharc don seanail. Tha sinn uile an dòchas gun tèid gu math dhaibh an aghaidh Danmhairg”
Thuirt Anna Signeul, neach-trèanadh sgioba nam Ban “Tha sinn taingeil aon uair eile taic BBC ALBA fhaighinn agus tha e math airson na cluicheadairean fios a bhith aca gu bheil barrachd luchd-leantainn faighinn a chothrom an sgioba fhaicinn. Tha sinn cuideachd an dòchas gun tig sluagh don gheam agus gu faic luchd-amharc air feadh Alba an geam air BBC ALBA”
Tha an geam beò seo a’ cur ris a’ phasgan spòrs aig BBC ALBA a tha air a’ riochdachadh le mneTV. Thairis air na seachdainean a tha romhainn chìthear geamannan camanachd beò agus tha ball-coise agus rugby ri thighinn, le geamannan cuideachd bho Cupa Dùbhlan ALBA.