26 Dàmhair 2009
BÀLL-COISE NAM BAN BEO AIR BBC ALBA
Tha BBC ALBA air fhoillseachadh gu bheil Gèam-Dearbhaidh airson Cupa na Cruinne nam Ban 2011 ri fhaicinn beò air an sianal.

Thèid an gèam eadar Alba agus Georgia a’ chluich aig Pàirc Tynecastle ann an Dùn Èideann air Diardaoin 29mh Dàmhair agus chìthear air BBC ALBA aig 19.25.
Tha Alba air an aon gheam aca anns an fharpais a’ bhuannachadh agus bhiodh iad an dòchas an gèam seo a’ bhuannachadh cuideachd.
‘S e mneTV a’ bhios a’ riochdachadh a’ phrògram airson BBC ALBA.
Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus Freesat sianal 110. Chan fhaicear an geam seo beò ach air BBC ALBA a mhàin.