SEAR GU SIAR
PÀIRT A CEITHIR – NA H-ÌNNSEACHAN
18 Dùbhlachd 2008, 9f, BBC ALBA
Bidh an earrann mu dheireadh de Sear gu Siar air BBC ALBA a’ leantainn Derek Mac Illeathain, 21 à Inbhir Nis agus Deirdre Ghreumach, 23 às an Eilean Sgitheanach fhad ‘s a tha iad a’ cur eòlas air na h-Ìnnseachan, ceann-uidhe a tha a’ toirt ionnsaigh air gach faireachdainn agus a tha na fhìor chlisgeadh cultarach.
Rè an turais, tha Derek agus Deirdre a’ dol an lùib pròiseact coimhearsnachd ann an stàite Himachal Pradesh de Himalaya, far a bheil iad a’ faighinn eòlas cultarach a tha, an dà chuid fìor agus taitneach. Ag amas air goireasan poblach a leasachadh ann am baile dùthchail agus air aire a thogail gu cùisean sòisealta cudromach, tha iad a’ gabhail pàirt san obair shàsachail a bhith ag ath-leasachadh sgoil-àraich bhochd.
Nan saor-ùine tha iad an sàs ann am bùthan-obrach co-cheangailte ri cultar Ìnnseanach, a’ gabhail a-steach còcaireachd, iòga agus taoisneadh-bodhaige. Mar a tha iad a’ dol air adhart a’ cur eòlas air fìor chultar nan Ìnnseachan dhaibh fhèin agus ag eadar-obrachadh le muinntir na sgìre agus le clann, tha a’ phròiseact seo ga dearbhadh fhèin mar eòlas a tha cruaidh ach a dh’aindeoin sin, drùidhteach.
A thuilleadh air an obair ann an Himachal, tha Derek agus Deirdre a’ gabhail cuairt gun Taj Mahal agus Amritsar, am baile as cràbhaiche a thaobh creideamh nan Sikh agus a’ tadhal air an Teampall Òir, gu cultarach, an t-àite adhraidh as cudromaiche dha na Sikhs.
Tha iad cuideachd a’ frithealadh na cuirme neònaich is fhuaimniche a tha a’ gabhail àite gach feasgar ann an Attari, a tha gu samhlachail a’ dùnadh na h-aon crìche rathaid eadar na h-Ìnnseachan is Pacastan airson na h-oidhche.
Le tursan fada trèana tron latha is tron oidhche agus a’ faighinn eòlas air cultar is biadh eadar-dhealaichte tha an luchd-dùraigidh ag ionnsachadh a’ cheart uimhir mun deidhinn fhèin agus a tha iad mun dùthaich iongantaich seo.
Tha criomagan bhidio agus dealbhan mu thuras Derek agus Deirdre, a thuilleadh air an clàr-siubhail agus an leabhraichean-là rim faicinn air an làraich-lìn www.seargusiar.com còmhla ri fiosrachadh a bharrachd mun t-sreath.
Thèid Sear gu Siar, a chraoladh air BBC ALBA air Diciadain 17 Dùbhlachd aig 21:00 agus gheibhear e air sianal 168 Sky & sianal 110 Freesat. Thèid am prògram ath-chraoladh air BBC ALBA air Diardaoin 18 Dùbhlachd aig 22.30.