“Sgeul Athar”
Diluain 19 Faoilleach, 9f, BBC ALBA.
Chaidh an deugaire, Alison NicDhòmhnaill, às na h-Eileanan Siar air chall fad ’s a bha i a’ siubhal còmla ri caraid ann an Caismir an 1981.

Tha “Sgeul Athar”, na aithriseachd ùr a thèid a shealltainn air BBC ALBA, agus air a stiùireadh le Calum Aonghas MacAoidh ’s air a riochdachadh le Mactv, a’ toirt sùil mhothachail air teaghlach nach do leig an cuid dòchais thairis.
Nuair a chuala e gun robh an nighean aige air chall, thug Kenny MacDhòmhnaill, a bha ag ionnsachadh a bhith na mhinistear an Colaiste na h-Eaglais Shaoir, air fhèin dol gu Caismir sa bhad gus Alison a lorg.
A dh’aindeoin a bhith a’ cur air dòigh an rannsachaidh a bu mhotha a chunnacas a riamh san àite – maille ri iomairt follaiseachd a-bhos san dùthaich-sa – cha d’ fhuaireadh Alison idir.
Bhon uair sin tha na Dòmhnallaich air na mìltean de notaichean a chosg ach an lorgadh iad an fheadhainn a choinnich ri Alison an Caismir, is iad a’ tachairt ri daoine a bha a’ cumail a-mach gum b’ urrainn dhaibh a lorg airson duais airgid.
An-diugh, agus 27 bliadhna às a dhèidh, tha an t-Urr Kenny MacDhòmhnaill agus a bhean Reta, fhathast daingeann gu bheil an nighean aca beò.
Tha Crìostaidhean làidir, Kenny is Reta NicDhòmhnaill, a’ mìneachadh carson a tha iad a’ creidsinn ma dh’fhaoidte gun deach Alison a chur fo bhruid.
A shlàinte ’s a fhradharc a’ lùghdachadh, tha Kenny MacDhòmhnaill aois 74 bliadhna, a tha air a dhol a Chaismir 16 tursan mar-thà, a’ gealltainn gun till e ma thig fiosrachadh sam bith eile an-àird.
Air ainmeachadh ‘Sharin’ – a bh’ air a’ bhàta-taighe san robh Alison a’ fuireach an Srinagar – tha taigh an teaghlaich na dhearbhadh air na ceanglaichean làidire eadar na Dòmhnallaich agus an dùthaich sa bheil, tha iad a’ creidsinn, an nighean aca a’ fuireach.
Tha “Sgeul Athar” na chunntas de chreideamh, daingneachd is smior teaghlaich mu choinneamh an t-uabhais nan aghaidh.