FARPAISEAN CHON-CHAORACH AIR AIS AIR BBC ALBA
Tha sreath ùr Farpaisean Chon-chaorach air tilleadh gu BBC ALBA agus bidh an sgioba a’ toirt thugainn farpaisean bho are feadh an rìoghachd. Thèid an sreath a libhrigeadh le Dòmhnall MacSuain agus Caitriona Nic a’ Phi.

Gach seachdain chìthear cuid de na cìobairean as fheàrr ag obair le na coin-chaoraich agus thèid coimhead air cuspairean eile co-cheangailte air “cùl dorsan”
Thig an sreath gu crìoch le na Farpaisean Eadar-Nàiseanta a chaidh a chumail ann an Èirinn a Tuath anns an t-Sultain.

Chaidh Farpaisean Chon-chaorach a riochdachadh le mneTV airson BBC ALBA. Chìthear an sreath gach Dimàirt aig 9f air BBC ALBA suas gu 8mh Màirt 2011
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh 'sa Bheurla
Leugh an stòiridh 'sa Bheurla an seo