PRÒGRAM SÒNRAICHTE À SEALLTAINN AIR BBC ALBA LE FIDDLERS’ BID
Disathairne 31 Iuchar aig 9.00f air BBC ALBA
Bidh prògram sònraichte air BBC ALBA Disathairne 31 Iuchar 2010 aig 9f. Bidh Màiri Anna NicUalraig a’ toirt dhuinn consart uair de thìde leis a’ chòmhlan ainmeil Fiddlers’ Bids, is iad a’ cluich airson an luchd-eòlais ann an Sealltainn agus a’ comharrachadh 30 bliadhna den Fhèis Folk.
Tha am prògram air a riochdachadh le Bees Nees agus air a stiùireadh le Bridget Caldwell, agus a bharrachd air a’ cheòl bidh agallamhan leis a’ còmhlan agus fios mun bhrosnachadh a thug orra a bhith a’ cluich.
Bha Fiddlers’ Bid a’ cluich aig cuirm-ciùl Clickimin mar phàirt den fhèis a ghabh àite eadar 29 Giblean agus 2 Cèitean am bliadhna.
A rèir Alan Esslemont, ceannard phrògraman aig BBC ALBA: “Tha Sealltainn ainmeil airson dualchas ciùil sònraichte, gu h-àraid ceòl na fidhle, agus tha sinn air ar dòigh gum bi ceòl le Fiddlers’ Bid ga chraoladh air BBC ALBA. Tha an Fhèis a’ comharrachadh 30 bliadhna, agus an còmhlan a’ comharrachadh 20 bliadhna còmhla, agus tha fios againn gun còrd am prògram seo ri luchd-leantainn ceòl air feadh na h-Alba.”
Bho 1991, tha Fiddlers’ Bid air a bhith aic cridhe nam Fèisean ann an Sealltainn. Tha iad nan tosgairean airson na Fèise agus airson Shealltainn, agus tha an ceòl aca a’ còrdadh ri luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail.