BBC ALBA AIR AN RATHAD A’ SIUBHAL AIR FEADH ALBA
CEANN-UIDHE NA SEACHDAIN SEO – INBHIR NIS AGUS GÀIDHEALTACHD NA H-ALBA
Siuthad! Siubhail! : Go! Explore!
Diardaoin 6 Dàmhair, 10f air BBC ALBA
Bidh an dithis luchd-aithris aig BBC ALBA Derek ‘Pluto’ Moireach agus Emma NicAonghais a’ siubhal air feadh sia roinnean de dh’Alba gus faighinn a-mach dè a tha annta dha neach a tha ag iarraidh blasad fhaighinn de nithean annasach a dh’fhaodas neach-turais a dhèanamh.

Chan e a-mhàin gu meal Derek agus Emma na tha aig gach roinn ri thabhann a thaobh bòidhchead an àite, bidh iad fhèin agus muinntir na coimhearsnachd a’ com-pàirteachadh ann an grunnan nithean, cuid nas dùbhlanaich na cuid eile.
Bidh iad cuideachd cur romhpa fuireach ann an àitean-còmhnaidh annasach – mar oidhche ann an teanta inntinneach agus oidhche eile shuas air spiris ann an taigh-craoibhe.
Gheibhear beagan fiosrachadh eachdraidheil mu gach ceàrnaidh ann an dòigh aotrom agus le ceòl air leth cudromach dhan t-sreath, gheibhear blas anns gach prògram de chòmhlan ùr ionadail.
San treas prògram den t-sreath a bhios air a chraoladh air Diardaoin 6mh Dàmhair, bidh Derek agus Emma a’ deànamh air Inbhir Nis agus air Gàidhealtachd na h-Alba far am faigh Derek cothrom a dhol aig astar ann an RiB sìos Loch Nis agus an uair sin tha e a’ dol gu Foithir far a bheil e a’ faighinn beagan a-mach mu Alasdair Crowley fear a bha gu mòr an sàs ann an saoghal buidseachd an là an-diugh.

Tha cùisean tòrr nas mìlse do dh’Emma is i ann am bùth seòclaid Story sa Mhargaidh Bhictòrianach ann an Inbhir Nis gus blasad fhaighinn air cuid de na seòclaidean Beilgeach-Caledònianach aca. A-mach leatha an uair sin gus am feuchadh i boillsgeadh fhaighinn de na leumadairean-mara le sròin mar botal ann an Linne Mhoireibh agus bha iad fortanach co-dhiù trì dhiubh fhaicinn.
An dèidh a h-uile càil a bha sin, bha feum aca air beagan deoch, agus thadhail iad air taigh-òsta ainmeil ann an Inbhir Nis, An Gleann Moireasdan, anns a bheil iad a’ reic mu 250 seòrsa uisge-beatha, cuid cho saor ri £5 agus cuid eile cho daor ri £150 gach tè bheag! Bha an t-acras gan tolladh agus a-mach leotha a dh’fheuchainn a’ chèic ainmeil a bhithear a’ fuine ann an Inbhir Nis, An Dream Ring agus abair gun do ghabh Derek cnap mòr dhith!
Às dèidh là trang, bha thìde ann a-nis a dhol mu thàmh airson na h-oidhche ann an taigh air stiltichean anns a’ bhaile bhòidheach Coit a’ Ghartain, An ath mhadainn an dèidh deagh chadal tron oidhche suas le Derek dha na speuran is e ag ionnsachadh mar a sgèitheas e.
An dèidh sin gheibhear a-mach beagan mu eachdraidh nam Fuadaichean agus mu Fhiosaiche Bhrathain, ‘Coinneach Odhar’ no Coinneach MacChoinnich, fear dhan robh e comasach fàidheadaireachd a dhèanamh mun àm ri teachd agus a rugadh tràth san 17mh linn ann an Ùig Leòdhais mus crìochnaich am prògram le beagan bhon fhear ealanta ionadail Iain McLaughlin agus na h-Outsiders.
Thèid am prògram mu Inbhir Nis/ A’ Ghàidhealtachd san t-sreath ùr Siuthad! Siubhail! : Go! Explore! a chraoladh air Diardaoin 6 Dàmhair aig 10f air BBC ALBA.