DA GHEAM SPL GAN CRAOLADH AIR BBC ALBA AN T-SEACHDAIN SA
Spòrs
Gheibh luchd-leantainn ball-coise cothrom dà gheama SPL faicinn “mar bèo” air BBC ALBA.
Thèid a chiad geam a chluich eadar St Johnstone agus Rangers agus chì sibh seo Dimàirt 30mh Màrt aig 10.00.
A bharrachd air a gheama fhèin, tha agallamh aig Spòrs còmhla ri manaidsear St Johnstone, Derek McInnes, agus leas-mhanaidsear Rangers, Ally McCoist.
Air Diciadain an 31mh gheibh luchd-leantainn ball-coise cothrom an gheama SPL eadar Hibernian agus Dundee United faicinn “mar bèo” aig 10.00f.
A bharrachd air a gheama fhèin chì sibh ciamar a tha an obair air Easter Road a’ tighinn air adhart. Cuideachd bidh manaidsear Hibs, John Hughes, agus Lawrie Reilly, bho Hibs ‘famous five’, a’ bruidhinn air mar a tha an lann-cluiche air atharrachadh thairis air na bliadhnaichean.
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh 'sa Bheurla
Leugh an stòiridh 'sa Bheurla an seo