YOUNG SPORTING PRODIGIES FEATURE IN ‘A SPORTING CHANCE’ ON BBC ALBA
BBC ALBA Diluain 8mh Màrt aig 9f
'S e bhith a' cluich airson ur dùthaich an ìre as aìrde as urrain dhuibh a' ruighinn ann an spòrs. Ach dè tha còrr agaibh a dhèanamh airson an àrd ìre a tha seo a' ruighinn?
Tha Trusadh a' coinneachadh ri triùir luchd-spòrs òg as Alba fhads a tha iad a’ farpais anns an diofar spòrsan aca; criogaid, rugbaidh nam boireannach agus teanas cathair-cuibhle, airson na sgeulachdan soirbheachail gu tur eadar-dhealaichte aca a chluinntinn.

Calum MacLeoid cluicheadair proifeiseanta criogaid Calum MacLeod, bho Stepps an Glaschu. Photograph copyright to Donald MacLeod.

Gordon Reid bho Helensburgh, cluicheadair teanas cathair-cuibhle.

Alison NicDhòmhnail, bho Carnach, Uibhist a Tuath a tha a cluich rugbaidh airson Royal High Corstophine Cougars an Dun Eideann.
Tha ‘Cothrom Spòrs’ a targaide dhuibh sealladh do shaoghal luchd-spòrs òg airson faicinn ciamar a tha iad a dèanamh an gnothach le trèanadh doirbh agus de an seòrsa diongmhalta a dh’fheumas iad airson faighinn chun ire as àrde san spòrs aca.
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh sa Bheurla
Faic an stòiridh sa Bheurla an seo
Thèid ‘Cothrom Spòrs: A Sporting Chance’ a chraoladh air BBC ALBA air Diluain an 8mh den Mhàrt aig 9.00f.