CUPA AN T-SUTHARLANAICH 2010: CUAIRT DHEIREANNACH BEÒ AIR BBC ALBA
Spòrs - Camanachd
Disathairne 31 Iuchar bho 16:00 gu 18:00 air BBC ALBA
Thig sèasan camanachd beò air BBC ALBA gu crìoch air 31 Iuchar 2010 le Cupa an t-Sutharlanaich Aberdein Considine à Baile Ùr an t-Slèibh.
Sa chuairt dheireannaich bidh sgioba Ghleann Urchadain a’ cluich an aghaidh Lobhait, a’ tòiseachadh aig 4.00f, agus an geama beò air BBC ALBA, air Sky 168 agus Freesat 110.
Cuideachd sa phrògram bi agallamh le manaidsear camanachd na h-Alba, Drew MacNèill, fios mu Chomann Camanachd Chille Mhaille, agus beachdan Raghnaill Ross air an spòrs. Bidh Ùisdean MacIllinnein agus Ailig O’ Hianlaidh ag aithris air a’ gheama.
A rèir Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman aig BBC ALBA: “Chaidh trì geamannan deireannach a chraoladh beò air BBC ALBA san t-sèasan thuige seo agus chòrd iad gu mòr ris an luchd-amhairc, agus tha sinn cinnteach gur e geama sònraichte a bhios ann eadar Gleann Urchadain agus Lobhait an t-seachdain seo. Tha spòrs air leth cudromach airson BBC ALBA agus tha sinn toilichte gu bheil spòrs aig ìre phroifeiseanta agus aig ìre choimhearsnachd a’ faighinn àrd-ùrlar air an t-seirbheis.”
Tha na prògraman camanachd gan riochdachadh le mneTV airson BBC ALBA.