SREATH INNTINNEACH ÙR AIR BBC ALBA A’ COIMHEAD AIR ÀRCEOLAS NA H-ALBA
Tha sreath phrògraman ùra a’ tighinn gu BBC ALBA far am bith iad a’ cur a’ phrosbaig air àrceolas na h-Alba.
Thèid na sia prògraman Talamh Tròcair a’ lìbhrigidh le Ciorstaidh Dòmhnallach, a Uidhist a Tuath agus chaidh an t-sreath a’ riochdachadh le macTV airson BBC ALBA.

Làrach Caisteal Eilean Donan
Thairis air an sreath gheibhear fios mu dheidhinn cuid de na pròiseactan a tha a’ dol air adhart ann an Alba. Bith cuspair sònraichte aig gach prògram agus anns a’ chiad phrògram chìthear àite cudromach ann am Peairt far a bheil àrceollaiche feuchainn ri làrach caisteal a chiad rìgh Alba a’ lorg.

Làrach cladh Pictish ann an Forteviot
Anns na prògraman eile thèid coimhead air àiteachean ann an Uidhist a Tuath agus Eilean na Hearadh agus air cuspairean mar àrceolas anns na coimhearsnachdan agus air cuide de na làraichean cudromach a tha ann an cunnart.
Chìthear Talamh Tròcair air BBC ALBA bho Dimàirt 6mh Giblean aig 8.30f agus gach Dimàirt as dèidh sin.