19 Òg Mhios 2009
BBC ALBA A’ TOIRT THUGAINN T IN THE PARK 2009
Chaidh fhoillseachadh an diugh gum bith BBC ALBA a’ craoladh dà phrògram sònraichte bho fèis ceòl T in The Park 2009.
Thèid dà phrògram a bhios uair a thìde gu leth a’ chraoladh air BBC ALBA Disathairne an 11mh agus Didòmhnaich 12mh Iuchar eadar 6f agus 7.30f.
Am measg na chìthear luchd-coimhead BBC ALBA bith posan as fhèarr bho prìomh àrd-ùrlar an fhèis agus pìosan acoustic bho rd-ùrlar BBC Three. Bheireadh seo cothrom do luchd-amharc BBC ALBA cuid de na neach-ciil as fhèarr bhon fhèis fhaicinn.
’S e Calum “Caxy” MacAmhlaidh agus Siobhan NicAonghais a bhios a’ lìbhrigeadh na prògraman far am bith iad cuideachd a dèanamh agallamhan le cuid na tha cluich aig an fhèis thairis air an deireadh sheachdain.
Thuirt Alan Esslemont Ceann Phrògraman BBC ALBA “Tha e a‘toirt toileachas mòr dhuinn gum bith BBC ALBA a’ craoladh dà phrògram sònraichte bho T in The Park am bliadhna. ‘S e fèis as motha ann an Alba le daoine a’ frithealadh bho air feadh an t-saoghal. Bheireadh prògraman BBC ALBA bhon fhèis piobrachadh mòr dhuinn a cur ris na prògraman ciùil iomadh seòrsa a tha againn mar tha air an sianal agus a tha còrdadh ri luchd-amharc.
Airson luchd-leantainn an fhèis nach eil an làthair ann an Blaado ‘s e cothrom uabhasach math dhaibh an fhèis fhaicinn aig amannan a tha fìor math dhaibh air an oidhche.”
Chìthear na pìosan as fhèarr bhon fhèis air Disathairne agus bheireadh prògram Didòmhnaich na pìosan as fhèarr bho Disathairne agus cuide na tha tachairt tràth bhon latha mu dheireadh.
Chan eil tiocaidean ri fhaighinn airson T in the Park a bhios a’dol air adhart ann an Balado ann an Siorrachd Peairt eadar 10mh latha agus 12mh den Iuchar agus Am measg na bhios a’ cluich tha Kings of Leon, The Killers, Blur, Snow Patrol, The View agus Manic Street Preachers.
Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110.