TÌR NAN ÒRAN AIR BBC ALBA
Diluain 1 Samhain aig 8.30f air BBC ALBA
Tha BBC ALBA air a bhith a’ comharrachadh Bliadhna nan Òran fad 2010. Ri linn seo, thathas a’ toirt dhuibh prògraman de cheòl Ghàidhlig, an dà chuid sean agus ùr.

Ann an Tìr nan Òran: Heartland Song, air a riochdachadh le BBC Gàidhlig, gheibh luchd-amhairc cothrom a dhol air turas ciùil tron Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan, a’ faighinn a-mach mu cheòl agus òrain às na diofar àiteachean. Le sùil air còig de na h-òrain agus fuinn, chithear an ceangal agus dàimh eadar na h-òrain agus dualchas agus cultar na sgìre.
A-measg nan cuspairean, bithear a’ toirt sùil air Ar-a-mach nan Seumasach, Na Fuadaichean agus Cogadh. Seo, le seallaidhean àlainn bho air feadh Alba, tha rud math ron luchd-amhairc!
Bidh Tìr nan Òran (Heartland Song) air BBC ALBA air Diluain 1 Samhain aig 8.30f le ath-chraoladh air Dihaoine 5 Samhain aig 11f.