BEÒ LE AUTISM – AIR BBC ALBA
‘COLTACH RIS AN T-SAOGHAL: SO MUCH TO GIVE’
Diluain 28 Òg Mhios, 9f air BBC ALBA
Tha Cailean Mac Ill Eathain agus a’ mac Tascal (19) a’ dol air turas bhon taigh air an t-Eilean Sgiathanach airson coimhead air an ath cheum airson inbheach òg le autism.

Cailean agus Tascal Mac Ill Eathain
Air an t-slighe tha iad a’ coinneachadh le inbhich eile a tha a’ toirt seachad comhairle agus beachdan.
Tha Tascal na oileanach ann an Dùn Chaillean far a bheil e a’ faighinn fòghlam sònraichte. As dèidh 18 mìosan aig an sgoil, tha Cailean a’ faicinn gu bheil Tascal a’ dèanamh adhartas.
Tha Cailean, a tha na craoladair agus sgrìobhadair agus a bhean Shona, a tha na neach-teagaisg, dòchasach gum faigh Tascal cumail a’ dol air slighe adhartach.
Ann an Dùn Èideann tha Cailean agus Tascal a’ coinneachadh ri seinneadair tàlantach Samantha Ruderham (16). Bha Samantha a’ seinn mus robh i a’ bruidhinn agus tha i den bheachd gu bheil ceòl air a bhith gu math dhith.
Samantha Ruderham aois 16 bho Dùn Èideann
Air a’ riochdachadh le mactv agus air stiùireadh le John Mackinnon airson BBC ALBA thèid am prògram fhaicinn air Diluain 28 Òg Mhios aig 9f.