Trusadh - Camanachd Leòdhais - Dubh agus Gorm
BBC ALBA, Diluain 7 Samhain aig 9.00f
Thàinig sgioba ùr gu aire saoghal na camanachd aig toiseach seusan 2011! Cheadaich Comann na Camanachd do sgioba à Leòdhas cluich anns an lìog nàiseanta airson a' chiad turas a-riamh. 'S e deuchainn a th' anns a' chiad seusan seo agus feumaidh na Leòdhasaich dearbhadh gu bheil iad airidh air an urram seo!
Ann an Camanachd Leòdhais - Dubh agus Gorm, tha sinn a' leantainn a' mhanaidseir Pòl Duke agus an sgioba tro na duilgheadasan 's na dùbhlain a bha romhpa agus a' cur eòlas air na cluicheadairean agus air na caractaran eadar-dhealaichte co-cheangailte ris an sgioba.

Leis a’ chiad geama air fàire (5 Màrt) thuirt aon de na cluicheadairean, Dòmhnall MacLaomainn “As dèidh tòrr bruidhinn mun latha seo, mu dheireadh thall tha e againn!”
’S e ceum air adhart gu nàdarra a tha seo airson an sgioba a rèir Uisdean MacIllinnein, eòlaiche camanachd a thuirt : “Tha e glè mhath a bhith a’ cluich airson cupain is eile ach tha e a’ toirt toileachas mòr do dhaoine a bhith a’ cluich ann an lìog.”

Ciamar a nì iad an aghaidh nan sgiobaidhean eile? Ciamar a thèid dhaibh a bhith a' siubhal fad is farsaing air feadh na dùthcha? An dèan iad a' chùis sgioba a chur air a' phàirc gach seachdain?
Agus aig a' cheann-thall an dèan iad gu leòr airson àite cinnteach fhaighinn san lìog, agus le sin iomain a stèidheachadh ann an Leòdhas sna bliadhnaichean ri teachd?
Thèid co-dhùnadh a dhèanamh mu dè tha fainear dhan sgioba aig deireadh na Samhna 2011.
Chithear ‘Trusadh: Lewis Camanachd – Black and Blue’ a chaidh a riochdachadh le MacTV airson BBC ALBA, air Diluain 7mh Samhain aig 9f.